Ceann-là do bhùth ùr choimhearsnachd Chille Chòmhain

Bùth ùr Chille Chòmhain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil aig a' bhuidhinn choimhearsnachd gum faodadh a' bhùth ùr fosgladh as t-samhradh

  • Air fhoillseachadh

Tha gu meadhan-là Dihaoine aig daoine tagradh a dhèanamh airson bùth choimhearsnachd agus stèisean peatrail ùr Chille Chòmhain a ruith.

Tha an togalach ùr ga chrìochnachadh, le iomairt air £150,000 a thogail ann an dà mhìos, an dèidh don bhaile goireasan a chall san Dàmhair an-uiridh.

Dh'fhàg sin muinntir a' bhaile, agus daoine a tha a' fuireach faisg air ann an Àird nam Murchan, le turas 20 mìle ri ghabhail airson a dhol gu bùth, no 30 mìle airson connadh a cheannach.

Sin ma tha iad airson na goireasasan sin fhaighinn air tìr-mòr, oir ged a tha Cille Chòmhain suidhichte air tìr-mòr, tha na goireasan as fhaisge orra ann an Tobar Mhoire ann an Eilean Mhuile, agus aiseag a' ruith eadar an dà bhaile.

"Tha sinn a' coimhead airson cuideigin le eòlas air a bhith a' fuireach ann an sgìre dùthchail," thuirt Sarah Kocserha, a bha os cionn na h-iomairt gus an t-airgead a thogail às leth Companaidh Leasachaidh Choimhearsnachd Àird nam Murchan.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil teaghlaichean air tagraidhean a chur a-steach, agus gum biodh fàilte air a leithid leis gun neartaicheadh clann ùr a bhith san sgìre an sgoil aca.

Thug Oighreachd Chille Chòmhain pìos fearainn seachad an-asgaidh don bhuidhinn airson a' bhùth ùr a thogail.

Eadar crowdfunding, tabhartasan prìobhaideach agus grantaichean, tha a' bhuidheann a-niste air còrr is £170,000 a thogail, le dùil ri tuilleadh fhathast.

Tha iad an dòchas nach fhada gum bi a' bhùth fosgailte - gu sònraichte ro àm gu math trang le luchd-turais.

"An t-Òghmhios no an t-Iuchar, tha sinn an dòchas," thuirt iar-chathraiche na buidhne, Rosie Curtis.

"Tha tòrr teip dheirg againn ri dhol troimhe fhathast, ach tha sinn a' faighinn thuige."

'S ann ri taobh na talla, agus faisg air cidhe an aiseig a Thobar Mhoire a tha a' bhùth ùr, agus na cois bidh Oifis a' Phuist, stèisean peatrail, agus ionadan-teàirrdsidh do charbadan dealain.