Rùsgadairean chaorach gan trèanadh air Ghàidhealtachd

Tha feum air barrachd rùsgadairean ann am Breatainn fhèin airson caoraich na dùthcha a rùsgadh as t-samhradh
- Air fhoillseachadh
Tha oidhirp ga dhèanamh barrachd dhaoine a thrèanadh airson caoraich a rùsgadh, agus cùrsaichean gan ruith air feadh na dùthcha.
Tha dùil gum fàg riaghailtean ùra bhìosa a th' air fàire nas duilghe e do rùsgadairean à New Zealand agus Astràilia tighinn a Bhreatainn ga dhèanamh.
Bidh daoine às na dùthchannan sin tric a' tighinn a-nall a dh'obair as t-samhradh - an geamhradh acasan - agus iad comasach air 400 no 500 caora a rùsgadh san là.
Am measg nan àiteachan far an tèid cùrsa a chumail, tha Manachainn Rois, air taobh sear na Gàidhealtachd.
'S e an deamhais-dhealain, seach deamhais lainne, a thèid a chleachdadh air a' chùrsa.
Tha a' bhuidheann charthannais Woolmen a' maoineachadh 80 àite air na cùrsaichean, airson rùsgadairean proifeiseanta a tha eòlach, ach a dh'iarradh fàs nas fheàrr, a thrèanadh.

Chan eil an seann deamhais làimhe a-mach à cleachdadh fhathast, 's feadhainn air leth sgileil leatha
Faodaidh rùsgadairean a fhuair Seula Umha no Airgid ann an seusan rùsgaidh 2023, 2024, no 2025 cur airson àite mhaoinichte, ged a dh'fhaodas daoine iad fhèin pàigheadh airson àite air a' chùrsa cuideachd.
"'S e obair dhoirbh a th' ann," thuirt John Scott, bho Fearn Farm ann am Manachainn Rois a tha a' ruith a' chùrsa.
"Chan e obair a nì duine lag a th' ann an rusgadh chaorach. Feumaidh tu a bhith gu math fut."
Tha nas lugha rùsgadairean Breatannach air a bhith ann thar nam bliadhnaichean mu dheireadh, agus 's ann air an adhbhar sin a tha na riaghailtean bhìosa ùra gan toirt a-steach, gus am feumar barrachd a thrèanadh san dùthaich seo.

Feumar a' chlòimh a thoirt far chaorach as t-samhradh gus nach bi iad ro theth
Thuirt labhraiche Oifis na Dùthcha: "Fhuair an gnìomhachas taic fad 14 bliadhna airson luchd-obrach Breatannach a thrèanadh, an àireamh de luchd-obrach à dùthchannan cèin a lùghdachadh, agus airson luchd-obrach seasmhach a stèidheachadh anns an Rìoghachd Aonaichte."
Ach tha Mgr Scott ag ràdh gu bheil ginealach òg a' tighinn troimhe.
"Tha gainnead rùsgadairean ann, ach tha tòrr rùsgadairean òga a' tighinn air adhart a tha math cuideachd," thuirt e.
"Às aonais an trèanaidh seo a thachras a h-uile bliadhna, cha bhiomaid a' leasachadh an ath ghinealaich againn."

Bidh feadhainn le beagan chaorach aig an taigh a' dol air na cùrsaichean a thuilleadh air feadhainn phroifeiseanta
Chan iad rùsgadairean coimeirsealta a-mhàin a nochdas iarrtas airson an leithid de chùrsa, agus a rèir Mhgr Scott, gheibhear comhairle falainneachd às cuideachd, am measg rudan eile.
"'S dòcha gun iarr cuid tighinn ann a dh'ionnsachadh mar a rùsgas iad an cuid chaorach fhèin, 's dòcha deich no dusan a dhèanamh gach bliadhna mar eisimpleir," thuirt e.
"Cuideachd tha daoine òga a' tighinn ann a tha ag iarraidh a dhèanamh mar obair 's thèid iad air feadh an t-saoghail a rùsgadh.
"Tha na cùrsaichean seo gan ruith le fìor dheagh rùsgadairean le sàr-eòlas, 's tha iad gu math foighidinneach leis na rùsgadairean.
"Chan e a-mhàin an rùsgadh fhèin ach tha tòrr eile na chois cuideachd a thaobh thu fhèin, do bhodhaig 's d' inntinn, a chumail fut, 's an uidheamachd agad a chumail an òrdugh."