Muinntir na h-Alba a' bhòtadh an-diugh

- Air fhoillseachadh
Tha muinntir na h-Alba a' bhòtadh an-diugh airson cò bu toil leotha a bhith san ath riaghaltas.
Tha bhòtairean anns a' Chuimrigh cuideachd a' bhòtadh airson buill den t-Senedd.
Ann an Sasainn tha luchd-bhòtaidh a' taghadh 136 comhairle ionadail agus tha bhòtadh cuideachd ann an sia sgìrean mèar.
Chan eil taghaidhean ann an Èirinn a Tuath, feumaidh iadsan feitheamh gu 2027 airson an ath thaghadh an-sin.
Dh'fhosgail ionadan bhòtaidh aig 7m agus tha iad fosgailte gu 10f. Faodar bhòtadh as dèidh 10f cho fad 's a bha sibh a' feitheamh ann an sreath ro dheich uairean.
Tha 129 seat ann am Pàrlamaid na h-Alba. An lùib sin tha 73 ball roinneil agus 56 ball sgìreil - sin seachdnar anns gach sgìre.
Tha cuid de roinnean air atharrachadh bhon taghadh mu dheireadh ann an 2021.
Tha dà phàipear baileat aig gach neach-bhòtaidh - aon don roinn phàrlamaid agus aon don liosta.
Am-bliadhna, 's ann aig 9m Dihaoine a thòisicheas an cunntadh ann an Alba agus tha dùil gun tèid a' chiad roinn a ghairm tràth feasgar.
Bidh sgioba BBC Naidheachdan a' toirt thugaibh buil gach bhòt tron là le duilleag bheò agus le prògram An Taghaidh air BBC Radio nan Gàidheal eadar 10m is 6f.
'Son a' chiad uair, chì sibh dealbhan beò bhon phrògram radio aig mullach na duilleige beò againn air-loidhne.
Tha Dòmhnall Angaidh Moireasdan agus an sgioba gu bhith còmhla ribh an uairsin le An Taghadh air BBC ALBA eadar 7f-8f.
Disathairne, tha Ruairidh A MacIllinnein gu bhith còmhla ribh a-rithist air BBC Radio nan Gàidheal aig 12f le na naidheachdan as ùire a thaobh cruth na pàrlamaid ùire agus tha dùil aig sgioba air-loidhne BBC Naidheachdan a bhith toirt thugaibh gach nì le duilleag bheò eile aig an aon àm.
Ma tha sibh an dùil bhòtadh an-diugh, faodar seo a chleachdadh airson liosta fhaighinn air cò dhà as urrainn dhuibh bhòtadh agus càite am bheil an t-ionad bhòtaidh agaibh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An Giblean

- Air fhoillseachadh1 An Giblean
