Ceum air adhart do phlana Ceàrn an Stèisean an Inbhir Nis ùrachadh

Stèisean nam Busaichean ann an Inbhir Nis Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt oifigich comhairle gun robh Stèisean a' Bhus a-nis ro bheag airson na tha de charbadan a tha ga chleachdadh

  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach a dh'aona-ghuthach taic a thoirt don ath-ìre de phlanaichean leasachaidh meadhan baile Inbhir Nis.

Tha dùil gun tòisich co-chomhairle phoblach air moladh hub còmhdhail a stèidheachadh eadar stèiseanan nam busaichean agus nan trèanaichean air an ath-mhìos.

Bha comhairlichean a' beachdachadh Diluain air buil sgrùdaidh a fhuair nach robh stèisean a' bhus agus a' phàirc-chàraichean air iomadh ùrlar faisg air làimh air Sràid nan Ròs mòr gu leòr tuilleadh airson na tha de charbadan.

Thuirt an rannsachadh gun robhar airson ùrachadh a thoirt air Ceàrn an Stèisein, mar a chanar ris, airson ùine mhòir.

San aithisg aca thuirt oifigich planaidh Comhairle na Gàidhealtachd nach robh na seachd stadan aig stèisean a' bhus gu leòr airson dèiligeadh ri na bha de bhusaichean a' tighinn agus a' falbh.

Tha iad a' moladh stèisean a' bhus a th' ann mar-thà a leagail airson pàirc-chàraichean ùr am meadhan a' bhaile a thogail.

Dh'fhaodadh cuideachd gum bi pàirc-chàraichean ioma-ùrlarach air a togail air cùl an leabharlainn.

Thathar a' coimhead air diofar làraichean far an gabhadh stèisean a' bhus ath-thogail.

'S e an ath-cheum beachdan a' phobaill a shireadh, agus tha dùil gun tòisich seiseanan poblach agus suirbhidh ro dheireadh na mìos.