Plana leasachaidh ùr do dh'Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Inbhir NisTùs an deilbh, Maree NicNeacail

Beachdaichidh Comhairle na Gàidhealtachd air planaichean an t-seachdain seo airson cruth-atharrachadh a thoirt air meadhan Inbhir Nis.

Tha a' Chomhairle air 'Ro-innleachd Inbhir Nis, taobh a-muigh' a chur air adhart is iad ag ràdh gu bheil am baile air àm glè chudromach a ruighinn is e a' feuchainn ri gluasad seachad air buaidh a' phandemic.

Tha meadhan a' bhaile air atharrachadh gu mòr anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha oifigich ag ràdh, le bùthan is goireasan eile a bh' ann bho thùs air gluasad gu iomall a' bhaile no air-loidhne.

Dh'innis iad gu bheil seo a' cruthachadh chothroman ùra.

San aithisg fharsaing a thèid air beulaibh Comataidh Baile Inbhir Nis Diardaoin, tha planaichean ann gus an eaconomaidh ionadail a bhrosnachadh agus Inbhir Nis a dhèanamh nas uaine. Thathas ag amas air "hub eaconomach, sòisealta is cultural" 'son na Gàidhealtachd a stèidheachadh.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil a' Chomhairle mar-thà air seo a thòiseachadh le leasachaidhean aig Caisteal Inbhir Nis is aig a' Mhargaidh Bhictorianaich.

Ach thathas a' cumail a-mach nach eil an sin ach toiseach-tòiseachaidh, is iad ag amas air pròiseactan is leasachaidh eile a thàladh daoine gu meadhan a' bhaile, is gur e àite sàbhailte is tarraingeach a bhiodh ann far am biodh daoine 'son ùine a chur seachad is airgead a chosg.

Taigheadas

Tha taighean ùra ann am meadhan a' bhaile mar phàirt de na planaichean cuideachd, is a' Chomhairle a' togail air leasachaidhean taigheadais bho chionn ghoirid ann an seann bhùth Arnotts agus leasachadh eile air Sràid na h-Acadamaidh.

Tha an aithisg ag innse gum bi cothrom ann tuilleadh leasachaidhean mar seo a dhèanamh is grunn thogalaichean ann am meadhan a' bhaile a bha air an cleachdadh mar bhùthan roimhe an-dràsta falamh.

A bharrachd air daoine a thàladh air ais gu meadhan Inbhir Nis, tha am plana ag ràdh gum bu chòir barrachd a bhith ann dhaibh le "eaconomaidh an fheasgair" a leasachadh, le tachartasan culturail is eile a chur air adhart.

Bhiodh feum air piseach a thoirt air còmhdhail phoblach, tha an aithisg ag ràdh, agus gum biodh e na b' fhasa do dhaoine coiseachd mun cuairt a' bhaile, le goireasan nas fheàrr cuideachd do luchd-baidhseagail.

Thathas cuideachd ag amas air barrachd feum a dhèanamh de dh'Abhainn Nis le ceanglaichean nas fheàrr le meadhan a' bhaile.

Tha an aithisg a' togail air a' Ghàidhlig cuideachd, is i ag ràdh gu bheil e comasach tòrr a bharrachd a dhèanamh gus "ceangal a dhèanamh eadar àite, cànan is cultar", is dualchas Gàidhealach a' bhaile a chomharrachadh is a thaisbeanadh.

Am measg eile, thathas ag amas air tachartasan Gàidhlig is ionnsachadh na cànain a bhrosnachadh.

Thèid na planaichean air beulaibh Comataidh Baile Inbhir Nis Diardaoin, is thèid iarraidh air comhairlichean cead a thoirt do cho-chomhairle phoblach.