Dàil air plana Sràid na h-Acadamaidh

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil dàil a' dol air na planaichean aca gus ath-cruthachadh a thoirt air Sràid na h-Acadamaidh ann am meadhan Inbhir Nis.
Mar phàirt de na planaichean a th' ann, rachadh càraichean a chasg bhon t-sràid is a' Chomhairle airson eimiseanan a ghearradh agus daoine a bhrosnachadh a bhith a' coiseachd is a' rothaireachd.
Bhòt Comataidh Bhaile Inbhir Nis 12-10 Diluain airson a dhol air adhart leis na planaichean às dèidh deasbaid a bha aig amannan sradagach.
Thuirt iad às dèidh sin gun rachadh iarraidh air oifigich na planaichean a thoirt gu ìre is co-chomhairle a dhèanamh air Òrdugh Smachdachaidh Trafaig, le Measadh Buaidhe Eaconomaich na phàirt dhith.
Ach ann am brath Dimàirt, taobh a-muigh, dh'innis a' Chomhairle gu bheil dàil air a dhol air cùisean.
Thuirt iad gu bheil comhairliche air gluasad a chur air adhart is gun tèid an gnothach a dheasbad a-nise aig an Làn Chomhairle air an 14mh den t-Sultain.
Dhearbh iad nach gluais na planaichean air adhart idir san eadar-ama.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal 2023

- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal 2023

- Air fhoillseachadh18 An Lùnastal 2023
