Beachdan gan sireadh air sgoil ùr ann an Tòrr na Grèine

Dealbh de sgoil ùr Tùs an deilbh, COMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD
  • Air fhoillseachadh

Tha beachdan gan sireadh bho mhuinntir Thòrr na Grèine faisg air Inbhir Nis air planaichean airson bun-sgoil ùr agus ionad tràth-ionnsachaidh 's cùram-chloinne a thogail sa bhaile.

Bhiodh rùm san sgoil ùr do 255 sgoilear bun-sgoil agus 71 san sgoil-àraich.

Bhiodh i mar phàirt de làrach a tha a' tarraing foghlam, seirbheisean comhairle agus com-pàirtichean eile ri chèile ann an aon hub coimhearsnachd.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheileas an dùil buidheann de luchd-ùidh a stèidheachadh as t-samhradh.

Ma thèid cead-dealbhachaidh a thoirt seachad, thathas an dòchas gun tòisich an obair-togail sa Chèitean 2027.

Fo na molaidhean, bhiodh ochd seòmraichean-teagaisg san togalach agus bhiodh comas ann ochd eile a chur ris mar a dh'fhàsas àireamh-sluaigh a' bhaile.

Tha leasachadh Thòrr na Grèine mar phàirt de Phlana In-Ionmhas na Gàidhealtachd.

Fon phlana, thèid £2.1b a chosg thairis air 20 bliadhna, air leasachaidhean sgoile, rathaidean agus bun-structar.

Tha am pròiseact am measg 10 phròiseactan sgoile a tha an t-ùghdarras ionadail a' leasachadh an-dràsta.

Tha seo a' tighinn an dèidh do Champas Bhaile Dhubhthaich fosgladh bho chionn ghoirid.

'S e hub coimhearsnachd a tha sin cuideachd le Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhùthaich, Bun-sgoil Bhaile Dhubhthaich agus Sgoil Naomh Dubhthach uile air an aon làraich.