Nàbachdan a gheibh dealan nas saoire ri linn bun-structair gan ainmeachadh

Taigh ri taobh loidhne dealainTùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dè na sgìrean anns am faigh daoine airgead far nan cosgaisean dealain aca ri linn iad a bhith faisg air obair-leasachaidh a tha ga dhèanamh air griod an dealain.

Gheibh na mìltean dhaoine a tha a' fuireach nas fhaisge na 1,600tr (500m) air crainn-dealain, fo-stèiseanan no bun-structar eile £250 sa bhliadhna far nan cunntasan aca - £2,500 thairis air deich bliadhna, a' tòiseachadh an ath-bhliadhna.

Tha cuid air càineadh a dhèanamh air an sgeama ge-tà, ag ràdh nach eil ann ach suim shuarach an taca ris a' bhuaidh a bheir na leasachaidhean air beatha dhaoine.

"'S e slaic mun pheirceil a th' ann an £2,500 far chunntasan dealain thairis air deich bliadhna do dhaoine a chailleas an gnothachasan 's nach urrainn an taighean a reic," thuirt Kate Matthews bhon iomairt Save Our Mearns, a tha a' cur an aghaidh leasachaidh sa Mhaoirn ann an ear-thuath na h-Alba.

"Tha an riaghaltas seo an dàrna cuid air grèim a chall gu tur no tha iad tàireil air luchd-còmhnaidh agus luchd-cleachdaidh chumhachd."

Tha mòran den obair-leasachaidh sin ga dhèanamh air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, eadar Fàn Eilean faisg air a' Mhanachainn, Banniskirk ann an Gallaibh, Cille Chuimein, an t-Aodann Bàn agus an t-Àth Leathann san Eilean Sgitheanach, agus Hub Leòdhais.

'S ann air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a tha mun chairteal cuid den 33 pròiseactan a tha gan dèanamh uile gu lèir.

Loidhne dealain a' dol tro mhonaidhean agus badan beaga chraobhan ri taobhTùs an deilbh, SSEN TRANSMISSION

'S iad na pròiseactan aig tuath far a bheil daoine a tha a' fuireach faisg orra airidh air an airgead seo:

  • Banniskirk - fo-stèisean ùr a tha ga thogail faisg air an Spideal ann an Gallaibh

  • Cille Chuimein - leasachadh ga thoirt air fo-stèisean Uachdar Abha.

  • Neartachadh ga thoirt air loidhne dealain 107 mìle de dh'fhaid eadar an Spideal agus a' Mhanachainn, taobh Loch Buidhe ann an Cataibh.

  • loidhne dealain ùr eadar a' Mhanachainn agus Ceann Phàdraig

  • fo-stèisean ùr aig Càrnaig faisg air Loch Buidhe ann an Cataibh

  • Fàn Eilean - bun-structar ùr dealain faisg air a' Mhanachainn

  • Earra-Ghàidheal - leasachadh air loidhne dealain eadar a' Chreag Dhubh agus Dail Màilidh

  • An t-Aodann Bàn - leasachadh air fo-stèisean dealain

  • An t-Àth Leathann - leasachadh air fo-stèisean dealain

  • Neartachadh air an loidhne dealain eadar an t-Àird Mhòr san Eilean Sgitheanach agus Cille Chuimein

  • Fo-stèisean ùr aig a' Bheinngalaidh (Fàs na Coille) ann an Gleann Afraig

  • Hub Leòdhais

  • Fo-stèisean ùr an iar air Mionaird ann an Earra-Ghàidheal

Chaidh a' mhòr-chuid de lìonra dealain na dùthcha a thogail anns na 1960an, agus tha feum air a leasachadh mu choinneimh phròiseactan ath-nuadhachail.

Tha mòran den obair sin air a bhith connspaideach, agus tha an Riaghaltas a-niste an dòchas gun toir an sgeama seo misneachd do dhaoine.

Thuirt Rùnaire a' Chumhachd, Mìcheal Shanks, gu bheil e ceart gum faigh na coimhearsnachdan air a bheil na leasachaidhean a' toirt buidh buannachd asta.

"'S e àm ath-nuadhachaidh nàiseanta a tha seo - a' leasachadh na chaidh a thogail gu ìre mhòir anns na 1960an airson an ama againn fhèin, agus 's e ar slighe a dh'ionnsaigh dealain nas saoire do dhachannan air feadh na dùthcha," thuirt e.

"Tha e deatamach gun tog sinn a-rithist mar dhùthaich, agus tha sinn gu mòr airson 's gum faigh na coimhearsnachdan a tha a' toirt òstaireachd do chrainn-dealain buannachd. Sin as coireach gu bheil sinn ag ìsleachadh chunntasan an fheadhainn a bheir òstaireachd don bhun-structar riatanach nàiseanta seo."