Co-chomhairleachadh Spiorad na Mara a' tighinn gu ceann

- Air fhoillseachadh
Tha an co-chomhairleachadh poblach mun obair air tìr a bhios a dhìth an cois tuath-gaoithe chonnspaidiche san amharc far chosta siar Leòdhais a' tighinn gu ceann Diciadain.
Tha a' chompanaidh Northland Power airson suas ri 60 crann-gaoithe cho àrd ri 300m a thogail mu 3 gu 8 cilemeatair far a' chladaich.
Chaidh tagradh cead-dealbhachaidh airson Spiorad na Mara, mar a th' aca air, a chur gu ministearan Albannach anns a' Mhàrt.
Chuir Comhairle nan Eilean Siar na aghaidh nam freagairt do cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba air na planaichean aig Northland Power.
'S ann an urra ris a' Chomhairle ge-tà, a tha an an obair air tìr an cois a' phròiseict.
Tha fo-stèiseanan far an tigeadh càballan air tìr agus trainnse a' chàbaill a bhiodh a' giùlain dealain eadar Barabhas is Steòrnabhagh mar phàirt den iarrtas dealbhachaidh.
Moladh do Chomhairle nan Eilean Siar cur an aghaidh Spiorad na Mara
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios
Spiorad na Mara: Iarrtas cead-dealbhachaidh 'son bun-structair air tìr
- Air fhoillseachadh10 An t-Ògmhios
Tha iomairt mhòr a' dol ann an Leòdhas an aghaidh nam planaichean aig Northland Power.
Tha dragh air buidhnean-strì Eilean mo Ghaoil mu mheud an leasachaidh agus mun bhuaidh a bheireadh e air an sgìre is air coltas an àite.
Tha iad a' brosnachadh dhaoine cur an aghaidh an iarrtais airson na h-obrach-tìre nam faigheadh Spiorad na Mara cead bho mhinistearan Albannach.
Ma 's e sin a thachras, tha Peigi Ann Shields, bho Eileain mo Ghaoil, den bheachd gum bi "ar beathanan ann an Leòdhas gu bhith gu math, gu math duilich".
"Ar beathannan an Leòdhas gu bhith gu math duilich"
Tha i ag ràdh gu bheil i a' tuigsinn nach "eil a' choimhearnsachd ann am Barabhas ag iarraidh gun tachair seo, agus cuideachd taobh a-muigh Steòrnabhaigh".
"Eadar an dà àite bidh làraidhean a' dol a h-uile là bho Dhiluain gu Disathairne bho ochd uairean sa mhadainn gu faisg air àm na teatha.
"Tha e a' dol tro tòrr mòr, mòr mòna agus an uair sin feumaidh iad a' mhòine sin a chur a dh'àiteigin. Agus a h-uile bud Co2 a tha e a' dol a chur a-mach dhan àrainneachd.
"Tha iad a' cantainn gu bheil am pròiseact seo math dhan àrainneachd ach chan eil sinn a' faicinn ciamar as urrainn sin a bhith," thuirt i.
Beachdan làidir mu 'Spiorad na Mara'
- Air fhoillseachadh7 An Gearran 2025
Northland a' rannsachadh buaidh Spiorad na Mara
- Air fhoillseachadh13 An Cèitean 2025
Ann am brath, thuirt Northland Power gun dèan iad sgrùdadh mionaideach air gach beachd a gheibh iad.
"Cumaidh sinn oirnn ag obrachadh le na buidhnean uile a tha an sàs ann gus am bi tuigse nas fheàrr againn air na draghan a chaidh a thogail feuch a bheil dòigh ann fiosrachadh a bharrachd a thoirt seachad neo fuasglaidhean a chur air adhart," thuirt iad.
Tha iad ag ràdh gur e am fòcas aca fhathast pròiseact a thoirt gu buil a chuidicheas ann a bhith a' gearradh nan eimiseanan càrboin "as coireach gu ìre ri aon de na samhraidhean as teotha a-riamh san Rìoghachd Aonaichte".
Aig a' cheart àm, thuirt iad, tha iad airson 's gum faigh "Leòdhas agus an sgìre nas fharsainge buannachd às airson ùine mhòir".