Teine Mòinteach an Damhath na chiad 'mheaga-teine' am Breatainn, a rèir rannsachaidh ùir

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-saidheans Aimeireaganach a' cumail a-mach gur e an teine air Mòinteach an Damhath a mhair ceithir là ann an 2025 a' chiad mheaga-teine a bha san Rìoghachd Aonaichte.
'S e meaga-teine an abairt a chleachdas iad sna Stàitean Aonaichte airson teintean a sgapas gu mòr, a nì milleadh mòr air an àrainneachd agus a bheir buaidh mhòr air sluagh.
Tha an luchd-rannsachaidh bho Oilthigh Stanford Chalifornia ag ràdh gun do loisg an teine air Mòinteach an Damhath as t-samhradh an-uiridh an aon uimhir de thalamhh agus a bhios air a losgadh sa chumantas am Breatainn gach bliadhna.
"Thàinig orra teicheadh le am beatha"
- Air fhoillseachadh2 An t-Iuchar 2025
Teine eile air Mòinteach an Damhath
- Air fhoillseachadh10 An t-Iuchar 2025
Sgaoil e gasaichean milteach as coireach ri blàthachadh na cruinne a bh' air a bhith air an stòradh sa mhòine airson na mìltean bhliadhnaichean.
Tha an rannsachadh aca air fhoillseachadh san iris shaidheansail, Nature Geoscience.
Thòisich an teine mòr ann an coille air an 28mh den Ògmhios.
Bha seo beagan làithean an dèidh do theine fiadhaich eile sgapadh ann an Drochaid Chàrr a thug faisg air cola-deug a chur às.
Tha a' bhuidheann Oighreachdan agus Fearann na h-Alba a' tomhas gun deach 29,225 acair de thalamh a losgadh eadar an dà theine.

Rinn an teine sgrios air an talamh
Thuirt an luchd-saidheans gun robh na chaidh a sgaoileadh de chàrbon às co-ionann ri 85% de na h-eimiseanan bliadhnail bho theintean air feadh na Rìoghachd Aonaichte eadar 2001 agus 2021.
Tha iad ag ràdh gu bheil mòintichean rim faighinn air feadh an t-saoghail, bho na tropaigean gu an Cearcall Artach, agus gun tug teine Mòintich an Damhath cothrom dhaibh rannsachadh mionaideach a dhèanamh.
Thuirt an t-Ollamh Adam Pellegrini: "Tha an sgrùdadh seo a' dearbhadh carson a dh'fheumas barrachd aire a thoirt air glèidheadh nam mòintichean agus dèiligeadh ri teintean fiadhaich ann an sgìrean far a bheil talamh mar seo air a bhith a' stòradh càrboin fàd linntean."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An Giblean

- Air fhoillseachadh9 An Giblean 2025
