Còmhlan-pìoba Òigridh an Eilein Sgitheanaich steicte san Eadailt

Chaidh Fèis Albannach Bharga a chumail thairis air an deireadh-sheachdain
- Air fhoillseachadh
Tha Còmhlan-pìoba Òigridh an Eilein Sgitheanaich am measg nam mìltean dhaoine air a bheil trioblaid le seirbheis iùil nam plèanaichean san Rìoghachd Aonaichte a' toirt buaidh.
Tha an luchd-ciùil steicte san Eadailt far an robh iad a' cluich aig Fèis Albannach Bharga an dèidh dhan itealan air an robh iad còir tilleadh dhachaigh a-raoir a bhith air a chur dheth.
Bha 30 neach uile gu lèir - eadar pìobairean, drumairean agus ceannardan - còir sgèith à Pisa a Ghlaschu air seirbheis Easyjet.
Ach nuair a ràinig iad am port-adhair, chaidh innse dhaibh gu robh an t-seirbheis air a bhith air a cur dheth. Chaidh còrr is 1,000 turas a chur dheth an-dè le maill air mòran sheirbheisean an-diugh.
Cha robh àitichean-fuirich rim faighinn aig a' phort-adhair agus mar sin, thàinig orra tilleadh a Bharga.
Tha iad a' feitheamh fios bho Easyjet a thaobh cuin a gheibh iad dhachaigh.

Tha na pìobairean òga am measg na tha a' feitheamh airson faighinn dhachaigh
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan, rinn fear de phìobairean a' chòmhlain, Calum Ailig Rothach, moladh air muinntir Bharga airson a bhith cho cuideachail, gu h-àraid muinntir an taigh-òsta.
Thuirt e: "Leig iad dhuinn fuireach an seo a-rithist 's tha sinn gu math taingeil airson sin.
"Cha robh càil a dhùil againn gum biodh dàil ann. Tha mi an dòchas gum faigh sinn dhachaigh cho luath 's a ghabhas, a dh'innse na fìrinn.
"Bidh e math faighinn dhachaigh."

Chaidh an fhèis a chur gu dol le pàireid oidhche Haoine
A' bruidhinn ri Radio Skye, thuirt pìobaire eile, Oliver Langlands, gu bheil iad a' tuigsinn gum bi rudan mar seo a' tachairt ach gu bheil an ìre de thaic a tha iad air fhaighinn bhon chompanaidh adhair air a bhith gu math tàmailteach.
"Tha na cosgaisean air a bhith ag èirigh cuideachd," thuirt e.
"Mar chòmhlan òigridh a tha a' siubhal le 30 ball, tha sin a' cur tòrr uallaich oirnn a taobh airgid."
Thuirt EasyJet gum bi iad an-còmhnaidh a' feuchainn ri taighean-òsta a chur air dòigh nuair a tha feum orra ach gur e glè bheag a bha rim faotainn ann am Pisa.
Leis a sin, dh'iarr iad air luchd-siubhail àitichean a chur air dòigh dhaibh fhèin agus gheibh iad an cuid airgid air ais.
Thuirt iad cuideachd, air sgàth 's gu bheil uiread de mhaill air seirbheisean, nach eil tòrr roghainnean siubhail ann agus gu bheil iad a' feuchainn ri daoine fhaighinn air seirbheisean eile cho luath 's a ghabhas.
Fèis Albannach Bharga
'S e tachartas bliadhnail a th' ann am Fèis-chiùil Bharga, airson na ceangalaichean eadar am baile agus Alba a chomharrachadh.
San 20mh linn, rinn mòran san sgìre eilthireachd a dh'Alba.
An-diugh, bidhear ag ràdh gur e Barga am baile as Albannaiche san Eadailt.
Bha Còmhlan-pìoba Òigridh an Eilein Sgitheanaich nan aoighean am-bliadhna agus chuir iad fhèin agus Dannsairean Gàidhealach an eilein cùisean gu dol oidhche Haoine 's iad mar phàirt de phairèid.