Naidheachdan 11:00m

Iosrael

Thuirt Rùnaire nan Cùisean Cèin, Ed Miliband, nach bi an Rìoghachd Aonaichte diùid an dèidh smachd-bhannan ainmeachadh an aghaidh nam bailtean Iosrealach air a' Bhruaich an Iar agus chaidh e às àicheadh gun dèan iad sin cunnart dhan choimhearsnachd Iùdhach ann am Breatainn. Thuirt Mgr Miliband gum feum seasamh an aghaidh mar a thuirt e fhèin 'cairteadh cinnidh' nam Pailistinianach sa sgìre mus bidh e ro fhadalach plana dà-stàite a chur air adhart. Fhreagair Iosrael le bhith a' bagairt consalachd na Rìoghachd Aonaichte air taobh sear Ierusalem a dhùnadh.

Prìs na h-ola

Dh'èirich prìs na h-ola gu h-eadar-nàiseanta gu còrr is £100 gach baraille airson a' chiad uair bhon Iuchar. Tha a' phrìs air a bhith a' sìor èirigh bho thòisich sabaid às ùr eadar Ioran agus na Stàitean Aonaichte.

Seirbheisean adhair

Tha mòran sheirbheisean adhair dheth an-diugh a-rithist agus maill air feadhainn eile an dèidh trioblaid na seirbheis iùil an-dè. Chaidh còrr is 1,000 turas plèana a chur dheth an-dè. Chaidh ceannard na seirbheis iùil, Martin Rolfe, iarraidh gu coinneamh ri Rùnaire na Còmhdhail, Heidi Alexander. Dh'iarr esan a leisgeul a ghabhail airson na thachair.

Loidhne dealain SSEN

Thèid moladh do chomataidhean dealbhachaidh a' chinn a deas agus a' chinn a tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd cead a dhiùltadh do phlana SSEN airson loidhne dealain eadar an Spideal ann an Gallaibh agus a' Mhanachainn. Bidh na comataidhean a' deasbad na cùise an-diugh agus a-rithist a-màireach. Tha còrr is 2,000 tagradh poblach ann an aghaidh a' phròiseict.

An Glen Sannox

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun do ghabh iad aire do thachartas air a' bhàta-aiseig an Glen Sannox an-uiridh san do theich còrr is leth tunna de ghas. Tha e air tighinn am follais gun robh aoidion gas methane ann an siostam connaidh an t-soithich nuair a bha i air an t-slighe eadar Eilean Arainn agus tìr-mòr. Thuirt Cal Mac gun do chàraich iad an siostam gus nach tachair an leithid a-rithist.