Cò a dh'ionnsaich cànanan Ceilteach, carson, 's dè rinn iad leotha?

An Dr Petra PoncarováTùs an deilbh, Michal Novotný, UK Forum
Fo-thiotal an deilbh,

'S i an Dr Petra Poncarová a tha a' stiùireadh a' phròiseict

  • Air fhoillseachadh

Bheir pròiseact rannsachaidh ùr sùil air luchd-ionnsachaidh nan cànanan Ceilteach agus a' bhuaidh chultarail a th' air a bhith aca.

Bidh NUDGERS (New Users of Minoritised Languages as Writers and Cultural Agents) stèidhichte an Oilthigh Theàrlaich ann am Pràg, 's tha e air €1.5m fhaighinn bho Chomhairle Rannsachaidh na Roinn Eòrpa.

Mairidh am pròiseact còig bliadhna, a' coimhead ri daoine a dh'ionnsaich aon de na cànanan Ceilteach san 19mh Linn agus tràth san 20mh Linn 's a rinn rudeigin cruthachail sa chànan sin.

Nam measg, tha am faclairiche Eideard Dwelly agus an t-Athair Ailean Dòmhnallach - Maighstir Ailean.

Chruthaich Èideard Dwelly - a chaidh a thogail ann an Sussex 's a dh'ionnsaich a' Ghàidhlig an dèidh dha eòlas a chur air a' chànan 's e ann an Alba leis an Arm - am faclair as ainmeile a th' ann sa Ghàidhlig, a tha fhathast ga chleachdadh an-diugh, air a chlo-bhualadh leis fhèin ann an seada air Romney Marsh ann an Kent.

'S i a' Ghàidhlig a bh' aig a bhean 's thog iad an teaghlach leis a' chànan ann an Kent.

Bha e cuideachd na phìobaire.

Eideard Dwelly
Fo-thiotal an deilbh,

Chruthaich Eideard Dwelly - a bhuineadh do Shussex - faclair ainmeil Gàidhlig a tha ga chleachdadh chun an là an-diugh

Rugadh Maighstir Ailean anns a' Ghearasdan 's dh'ionnsaich e a' Ghàidhlig, a' cur 17 bliadhna seachad na shagairt ann an Dalabrog is Èirisgeigh, a' cruinneachadh stòrais bheairtich de bheul-aithris às na h-Eileanan, a thuilleadh air a bhith na bhàrd cliùiteach.

"Daoine a bha ri sgrìobhadh cruthachail, bàrdachd, rosg, dealbhan-cluiche agus ri obair eadar-theangachaidh, an fheadhainn a bha a' deasachadh irisean, no a chuir air dòigh iomairtean cultarail eile," thuirt an Dr Petra Poncarová, a th' aig stiùir a' phròiseict.

"Ged a tha rannsachadh air luchd-labhairt ùr nan cànanan Ceilteach caran pailt anns an là a th' ann - gu h-àraid ann an soiseo-chànanachas - cha deach rannsachadh sònraichte a dhèanamh gu ruige seo air luchd-cleachdaidh ùr aig an àm seo."

Pìos bhon An RòsarnachTùs an deilbh, Michal Novotný, UK Forum
Fo-thiotal an deilbh,

Pìos bhon An Ròsarnach aig Ruairidh Earsgainn

Bho chionn beagan bhliadhnaichean a-niste tha an Dr Poncarová air a bhith a' rannsachadh obair Ruairidh Earsgainn agus Mhàrr - fear de dh'urrcha-mòra Siorrachd Obar Dheathain a rugadh ann am Brighton ann an Sussex, a dh'ionnsaich a' Ghàidhlig 's a bhiodh a' foillseachadh irisean sa chànan ann am bliadhnaichean tràth na 20mh Linne.

Tha am pròiseact na leudachadh air an rannsachadh sin, 's na chothrom coimhead ri sgeulachdan a thàinig am bàrr na lùib.

Bidh aig an Dr Poncarová ri sgioba a chur ri chèile aig Oilthigh Theàrlaich ann am Pràg, far a bheil ionad sònraichte aca mar thà airson Gàidhlig na h-Èireann.

"Ach chan eil luchd-rannsachaidh againn aig a bheil Breatannais, Còrnais, Cuimris agus Gàidhlig Mhanainn," thuirt i.

"Agus mar sin thèid luchd-rannsachaidh o thall-thairis fhastadh agus bidh iad ag obair còmhla rium air a' phròiseact seo.

"Aig an àm seo a tha uabhasach dorcha agus duilich aig oilthighean tha mi toilichte gu bheil cothrom agam dreuchdan ùra a chruthachadh."

Maighstir Ailean
Fo-thiotal an deilbh,

Chruinnich Maighstir Ailean stòras bheairteach de bheul-aithris eileanach, a thuilleadh air a bhith na bhàrd cliùiteach

Coimheadaidh an luchd-rannsachaidh ri leabhraichean, irisean, pàipearan naidheachd, agus cuideachd litrichean agus làmh-sgrìobhainnean nach deach fhoillseachadh fhathast ann an tasglannan anns gach dùthaich.

"Bidh sinn a' sireadh fiosrachaidh mu na daoine ud - cò às a thàinig iad? Carson a dh'ionnsaich iad cànanan Ceilteach, agus ciamar? Agus dè rinn iad nuair a bha na cànanan seo aca?"

Thèid toraidhean an rannsachaidh fhoillseachadh air làraich-lìn, agus tha an Dr Poncarová an dòchas leabhar rannsachaidh slàn fhoillseachadh cuideachd.