RNLI Loch Nis air cobhair a dhèanamh air luchd-caidheig

- Air fhoillseachadh
Rinn sgioba shaor-thoileach RNLI Loch Nis cobhair air luchd-caidheig a bh' ann an trioblaid ann an Loch Nis, air Là na Sàbaid an 6mh den t-Sultain.
Chaidh an gairm goirid an dèidh 3:00f agus rinn iad an slighe a dh'ionnsaigh Cille Chuimein, far an robh dà chaidheag air a dhol bun os cionn, a' fàgail ceathrar san uisge.
Ràinig bàta-turais ionadail, leis a' chompanaidh Cruise Loch Ness, air thoiseach air a' bhàta-teasairginn agus bha iad air an ceathrar fhaighinn air bòrd slàn, sàbhailte.
Fhuair heileacoptair nam Maor-cladaich an uair sin sgeul air ochdnar luchd-caidheig eile a bh' air an glacadh air taobh a deas Loch Nis.
Bha iad cuideachd air tuiteam dhan uisge agus iad a' feuchainn rin slighe a dhèanamh chun a' chladaich.
Chaidh sgioba RNLI Loch Nis air an tòir agus thug iad air ais a Chille Chuimein iad, far an robh luchd-eiridinn a' feitheamh orra.
Thuirt Niall Stebbing, bho stèisean RNLI Loch Nis: "'S e iomairt theasairginn dhùbhlannach a bha seo a mhair ceithir uairean a thìde - le daoine feumach air cobhair aig làraichean eadar-dhealaichte.
"Tha sinn taingeil airson na taice a fhuair sinn bho Cruise Loch Ness agus bho na Maoir-chladaich ann an bhith a' dèanamh cinnteach gun robh a h-uile duine ceart gu leòr aig a' cheann-thall."
Tuilleadh mun sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An Gearran 2015
- Air fhoillseachadh19 An Gearran 2018