Sealg a' Ghuga: Pròiseas air aontachadh 'son co-dhùnadh a ruighinn mu chead

Neach-iomairt nan seasamh le soidhne gam falach. The "End the Guga Hunt" sgrìobhte air an t-soidhne.
Fo-thiotal an deilbh,

Neach-iomairt a' togail fianais an aghaidh Sealg a' Ghuga

  • Air fhoillseachadh

Chaidh am pròiseas a thèid a leantainn gus co-dhùnadh a ruighinn a thaobh am bu chòir cead a thoirt seachad airson Sealg a' Ghuga am-bliadhna aontachadh aig coinneamh de bhòrd-stiùiridh NàdarAlba.

Thàinig sin agus fianais ga togail taobh a-muigh oifis na buidhne le luchd-iomairt nach eil airson 's gun tèid an cleachdadh seo air adhart tuilleadh.

Fon phròiseas a chaidh aontachadh, rannsaichidh oifigearan a' bhuaidh a bheireadh an t-sealg air fallaineachd colonaidh nan sùlairean air eilean Sùlaisgeir, nan tachradh i.

Thèid measaidhean a dhèanamh ann an co-theacsa flù nan eun, a th' air cron a dhèanamh sna bliadhnaichean mu dheireadh.

Nì oifigearan cuideachd co-dhùnadh a thaobh cruth na seilge, ma thèid a ceadachadh.

Chaidh sgioba à Nis gu Sùlaisgeir an-uiridh 'son a' chiad uair bho 2021 is cead aca suas ri 500 eun a mharbhadh.

Sin eu-coltach ris an 2000 a chleachd na Nisich a bhith a' faighinn.

Cha robh iad air cead iarraidh bho NàdarAlba ann an 2022, 2023 is 2024 air sgàth flu nan eun.

Ach às dèidh dhaibh a dhol ann a-rithist thòisich iomairt às ùr an aghaidh na seilge.

Chuir còrr is 100,00 duine ainm ri athchuinge a chaidh air beulaibh Comataidh nan Athchuingean ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Chaidh an athchuinge sin a chumail fosgailte is thèid a dheasbad a-rithist sa phàrlamaid ùir.

Lean an t-strì air taobh a-muigh oifis NàdarAlba Diardaoin agus buidheann bheag air cruinneachadh le soidhnichean a' cur an aghaidh na seilge.

Fireannaich nan suidhe air creag agus iad a' toirt na h-itean far ghugaichean a chaidh a mharbhadh.
Fo-thiotal an deilbh,

Na sealgairean ann an Sùlasgeir

Luchd-iomairt a' togail fianais taobh a-muigh oifis NàdarAlba.
Fo-thiotal an deilbh,

Luchd-iomairt a' togail fianais taobh a-muigh oifis NàdarAlba

Air a' mhìos a chaidh, sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar gu NàdarAlba agus iad ag ràdh gum bu chòir dhan t-sealg leantainn.

Thug iad taing dhan bhuidhinn airson mar a tha iad air am pròiseas ceadachaidh a làimhseachadh "ann an suidheachadh dùbhlanach", agus mar a tha iad air co-dhùnaidhean a ghabhail stèidhichte air fianais shaidheansail.

Cuideachd air a' mhìos a chaidh, chuir an dà chuid BP agus BPA nan Eilean Siar taic làidir ris an t-sealg.

Tha dùil ri co-dhùnadh foirmeil bho bhòrd-stiùiridh NàdarAlba tràth dhan ath-mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo