Amar-snàimh Lìonacleit gu bhith dùinte fad 7 seachdainean

- Air fhoillseachadh
Tòisichidh obair-càraidh air taidhlichean ann an amar-snàimh Lìonacleit air an 27mh là den Iuchar agus tha dùil gum mair an obair suas ri seachd seachdainean.
Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gun leig seo leis an amar-snàimh a bhith air a dhrèanadh agus air a thiormachadh mus tèid na seann taidhlichean a thoirt às, le feadhainn ùra gan cur nan àite.
Bheir e suas ri trì seachdainean mus steig na taidhlichean ùra agus an uairsin thèid deuchainnean a dhèanamh orra mus urrainn dhan amar-snàimh a bhith air fhosgladh dhan phoball.
A rèir na comhairle, ma thèid cumail ri clàr-ama na h-obrach, thathas an dùil gum bi e fosgailte às ùr mu mheadhan na Sultaine.
Tha sgioba Spòrs agus Slàinte an ùghdarrais ionadail ag amas air an amar-snàimh a chumail fosgailte gus an tòisich an obair-càraidh.
Ach bithear a' sgrùdadh seo agus ma chrìonas na taidhlichean, 's dòcha gum bi aca ri dhùnadh nas tràithe, no an àireamh a dh' fhaodas a bhith ann aig aon àm a chuingealachdh.
Thathas a' tabhann leisgeul ma 's e 's gun tachair seo.
Bidh am fiosrachadh às ùire ri fhaiginn air duilleag Facebook agus air app na comhairle.