"Dragh mòr" air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar mu ghearraidhean Loganair

- Air fhoillseachadh
Tha àrd-oifigear Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh gun toir gearraidhean Loganair air seirbheisean-adhair eadar Inbhir Nis agus Steòrnabhagh buaidh air còrr is 1,000 euslainteach gach cairteal den bhliadhna.
Thuirt Gòrdan Jamieson gu bheil "dragh mòr" air a' bhuidhinn mu bhuaidh nan gearraidhean a dh'fhoillsich a' chompanaidh-adhair.
Thàinig e am bàrr nas tràithe an t-seachdain seo gun tèid seirbheisean Loganair eadar Inbhir Nis is Steòrnabhagh, Sumburgh agus Kirkwall a lùghdachadh bho mheadhan an Iuchair.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' call airgid air na seirbheisean eileanach fad còig no sia bliadhna.
"Bheir e buaidh mhòr oirnn ann an iomadach dòigh," thuirt àrd-oifigear Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson.
"Bidh a' mhòr-chuid de na h-euslaintich againn - 90% dhiubh - a tha a' dol a dh'Inbhir Nis 'son leigheas fhaighinn, bidh iad a' cleachdadh seirbheis Loganair sa mhadainn.

Tha Gòrdan Jamieson ag ràdh gun toir an gearraidhean buaidh mhòr air euslaintich anns na h-Eileanan an Iar
"Tha fios againn a-nise gun caill sinn mu 1,200 coinneamh dhotair gach cairteal den bhliadhna air sgàth seo.
"Dhuinne - agus gu seachd àraid dha na h-euslaintich fhèin - 's e buaidh mhòr a tha sin.
"Tha dragh mòr oirnn mun t-suidheachadh."
Thuirt Mgr Jamieson nach deach innse do Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar gun robh na gearraidhean seo a' tighinn.
Tha e ag ràdh gun coimhead iad air a h-uile roghainn a th' ann feuch buaidh nan gearraidhean a lùghdachadh.
Bha HITRANS mar-tha air draghan a thogail mun t-suidheachadh is thèid a dheasbad aig coinneamh leotha Diardaoin.
Thuirt cathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, a tha cuideachd air bòrd HITRANS, gu bheil Loganair ag iarraidh òrdugh PSO airson nan seirbheisean leis gu bheil taic a bharrachd a dhìth orra.
Mhìnich Mgr Robasdan gun robh pàipear aig HITRANS nas tràithe am-bliadhna a bha a' coimhead air seirbheisean PSO a leudachadh is le iomradh air na tha a' tachairt san Roinn Eòrpa.
Gearraidhean ann an seirbheisean Loganair dha na h-Eileanan
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Thuirt e gun robh HITRANS mothachail air gum feumadh coimhead ris an leithid is dùil aca gun robh gearraidhean mar seo a' tighinn.
Tha Loganair ag ràdh gu bheil fios aca air cho cudromach 's a tha na seirbheisean dha na coimhearsnachdan anns a bheil iad.
Thuirt a' chompanaidh nach b' urrainn dhaibh an aona àireamh de sheirbheisean a ruith gun buaidh a bhith aig an sin air a' chompanaidh anns an fharsaingeachd.
"Nan tigeadh taic, bhiodh sinn ro thoilichte làn clàr-ama a' gheamhraidh a chur an sàs," thuirt iad.
Tha iad ag ràdh gu bheil fòcas aca a-nis air ceangalaichean riatanach a dhìon.
Thèid na gearraidhean a chur an sàs bhon 19mh den Iuchar.