Celtic Connections 2027: "Ceòl, cuideachd is ceanglaichean air leth"

Luchd-èisteachd ann an talla-ciùil aig cuirm. Tha pìobairean air an àrd-ùrlar agus tha solais orra. Tha cuideigin a' togail bhideo le fòn-làimheTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Tha Celtic Connections air foillseachadh cuid den luchd-ciùil a nochdas an ath-bhliadhna aig an làraich as ùire aig an fhèis gheamhraidh ann an Glaschu.

Chaidh prògram 2027, taobh a-muigh a chur air bhog air bòrd an Tall Ship Glenlee air Abhainn Chluaidh leis a' chòmhlan folk Tarran agus an seinneadair Josie Duncan.

Bidh tachartas mar urram dha na Beatles, agus consairt mòr an Gailearaidh Ealain Kelvingrove agus cuirm shònraichte leis an fhear-chiùil Innseannach AR Rahman am measg na bhios ann.

Thathar a' gealltainn don luchd-èisteachd gun cluinn iad rudeigin ùr agus luchd-ciùil gu bhith ann bho còrr is 20 dùthaich eadar an 14mh agus an 31mh den Fhaoilleach.

Bidh sgeama ballrachd ùr ann fom faigh daoine fo aois 26 prìsean nas saora.

Buidheann de luchd-ciùil air deic soithich air abhainn. Tha triùir bhoireannach agus dithis fhear ann le fidheal, clàrsach, bodhran, pianoTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh prògram 2027 fhoillseachadh leis a' chòmhlan Tarran à Glaschu agus an seinneadair Josie Duncan (meadhan)

'S e Orcastra GRIT a chuireadh air dòigh airson urram a thoirt do Mhartyn Bennett nach maireann a dh'fhosglas an fhèis le measgachadh de cheòl chlasaigeach agus traidiseanta.

Tillidh na Saw Doctors agus bidh Newton Faulkner ann le dà chuirm. Bidh an seinneadair Albannach Karine Polwart a' nochdadh aig Gailearaidh Ealain Kelvingrove.

Bidh cuirm shònraichte air a cumail mar chuimhne air an t-seinneadair Archie Fisher nach maireann.

Bidh gu leòr de rionnagan a' chiùil Ghàidhlig a' nochdadh - nam measg, Julie Fowlis, Breabach, Sian agus Kim Carnie. Às Èirinn tha na còmhlain Deora agus Beoga, a dh'fhàg cuairt Ed Sheeran o chionn ghoirid, cho math ri Sharon Shannon am measg na bhios ann.

Slumdog Millionaire, Beatles agus Joni Mitchell

Am meag an luchd-ciùil eadar-nàiseanta a bhios ann bidh AR Rahman às na h-Innseachan, a sgrìobh an ceòl airson an fhilm Slumdog Millionaire, le cuirm a tha a' toirt ri chèile ceòl clasaigeach Innseanach agus Siarach.

Bidh consairt ann mar urram dha na Beatles agus cuirm a' toirt spèis do dh'obair an t-seinneadair à Canada Joni Mithchell.

A' nochdadh aig an fhèis airson a' chiad turas bidh Sulaf, seinneadair agus cluicheadair oud à Sudan.

Bidh ceòl dùthcha agus bluegrass Aimeireaganach ri chluinntinn bho an leithid Sierra Hull, The Brudi Brothers, Milk Carton Kids agus Punch Brothers.

Fear le feusag agus falt liath, le seacaid chlò agus briogais orainds na sheasamh an cois aibhneTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Stiùiriche na fèise, Dòmhnall Seathach, gu bheil iad airson prìsean a chumail cho ìosal agus a b' urrainn dhaibh

Tha Stiùiriche Cruthachail Celtic Connections, Dòmhnall Seathach, ag ràdh gu bheil e cudromach gum bi na prìsean aca reusanta ged a tha cosgaisean ag èirigh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e dùbhlanach dhan a h-uile duine le cosgaisean siubhail agus eile. Feumaidh sinn cothromachadh a dhèanamh eadar buidseat ciallach agus a bhith a' toirt seachad prògram àrd-amasach," thuirt e.

Tha e ag iarraidh air daoine thighinn a-mach às an taigh ged a bhios an oidhche dorcha airson rudeiginn a lorg ris nach biodh dùil.

Thuirt e: "Tha prògram 2027 làn den spiorad sin, le luchd-ciùil as aithne do dhaoine, ainmean ùra, co-obrachadh air leth agus consartan nach tachair an àite sam bith eile.

"Tha an fhèis a' creidsinn ann an sàr-cheòl, companachd fìor mhath agus cumhachd nan ceanglaichean."

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 4, Fireannach le bonaid air, feusga agus giotar , Bidh Newton Faulkner am measg na nochdas aig Fèis Celtic Connections 2027

'S e an 34mh turas a bhios an fhèis air a cumail, tachartas a th' air fàs gu mòr thar nam bliadhnaichean.

B' e tè na bliadhna-sa an tè a bu thrainge fhathast, a' cur fàilte air 1,600 luchd-ciùil agus 114,000 luchd-èisteachd thairis air 25 làraichean.

Bidh tiocaidean airson fèis 2027 rim faotainn Diardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo