Dh'fhaodadh gearraidhean Loganair £1m a chosg dha NHS nan Eilean Siar

Plèana Loganair aig Port-adhair Steòrnabhaigh
  • Air fhoillseachadh

Thuirt àrd-oifigear Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar gum faodadh atharrachaidhean ri seirbheisean adhair dha na h-eileanan suas ri £1m a chosg dhaibh.

Bha Gòrdan Jamieson a' bruidhinn is e a' toirt seachad fianais do Chomataidh na Còmhdhail aig Pàrlamaid na h-Alba.

Thàinig e am bàrr aig toiseach na mìos gum bi Loganair a' lùghdachadh nan seirbheisean aca eadar Inbhir Nis is Steòrnabhagh, is Inbhir Nis is Sumburgh agus Kirkwall bhon 19mh den Iuchar.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad air a bhith a' call airgid air na seirbheisean fad bhliadhnaichean is nach urrainn dhaibh leantainn gun buaidh a bhith air a' chompanaidh anns an fharsaingeachd.

Tha iad ag ràdh gu bheil feum aca air taic-airgid gus seirbheisean a chumail mar a bha iad.

Bha Gòrdan Jamieson mar-tha air innse gu bheil "dragh mòr air NHS nan Eilean Siar mun t-suidheachadh is gun toir e buaidh air còrr is 1,000 euslainteach anns na h-Eileanan an Iar gach cairteal den bhliadhna.

A' bruidhinn ri Comataidh na Còmhdhail madainn Diciadain, thuirt Mgr Jamieson nach d' fhuair am bòrd-slàinte rabhadh idir gun robh na h-atharrachaidhean seo a' tighinn.

Thuirt e gum biodh NHS nan Eilean Siar air cur an aghaidh phlanaichean Loganair gu làidir nam biodh fios aca ro-làimh leis gu bheil iad gu mòr an eisimeil air na seirbheisean seo.

Dh'innis e cuideachd gu bheil obair a' leantainn air buaidh ionmhais nan gearraidhean ach gu bheil e follaiseach mar-tha gum bi a' bhuaidh a tha sin mòr.

"Tha sinn a' smaointinn aig an ìre seo gur dòcha gun cosg e mu £100,000, a thuilleadh air cosgaisean siubhail a thaobh euslainteach.

Gòrdan Jamieson

"S e an cunnart as motha gur dòcha gum bi againn ri luchd-obrach locum a thoirt a-steach an àite an luchd-obrach a bhiodh air tighinn à Inbhir Nis nach bi a' tighinn a-nise.

"Tha sinn a' tomhas aig an ìre seo gum faodadh sin suas ri £1m a chosg sa bhliadhna."

Thug àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar Màrtainn Joyce seachad fianais dhan chomataidh cuideachd.

Thuirt Mgr Joyce gu bheil dragh mòr air a' chomhairle cuideachd is mun bhuaidh air foghlam, cosnadh is beatha dhaoine san fharsaingeachd, a thuilleadh air roinn na slàinte.

Dh'innis an t-Àrd-Oifigear Coimeirsealta aca Ronnie MacMhathain dhan chomataidh gum feum iad taic-airgid phoblach.

Thuirt Mgr MacMhathain nach eil e ceart nach eilear a' dèiligeadh ri seirbheisean adhair san dòigh ri seirbheisean còmhdhail eile.

"Chan eil subsadaidh sam bith air na slighean eadar Inbhir Nis is Steòrnabhagh is Inbhir Nis is Kirkwall is Sumburgh," thuirt Mgr MacMhathain.

"Chan e slighean PSO a th' annta is chan eil dìon sam bith air a chur orra.

"Dèan coimeas eadar sin is lìonra nan aiseagan a tha a' faighinn taic-airgid phoblach gu cunbhalach is a tha air a mheas deatamach.

"Am prionnsabal sin gu bheil seirbheisean a tha deatamach feumach air taic phoblach mura h-eil iad seasmhach gu coimeirsealta - cha deach sin a chur an sàs a thaobh sheirbheisean adhair ann an Alba idir."