Pròiseact airson cladhan eachdraidheil an Inbhir Nis a ghlèidheadh

Rinn Seumasaich milleadh air clachan-uaighe an Gàradh an t-Seipeil a bha ceangailte ri teaghlaichean nach tug taic dhan iomairt aca
- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh gun tèid obair a dhèanamh air na trì cladhan as sine an Inbhir Nis airson an leasachadh agus an glèidheadh.
Tha dùil gur e Cladh nam Manach Liath am fear as aosta, agus 's àbhaist dha a bhith dùinte dhan phoball air sgàth agus na tha a' dol de dhol a-mach mì-shòisealta agus milleadh ann.
'S e Gàrradh an t-Seipeil àite-làighe tè de shliochd Màiri Banrigh na h-Albann, agus rinn Seumasaich milleadh air cuid de na clachan-uaighe ann an 1745 ri linn agus nach tug na teaghlaichean a bha ceangailte riutha taic do Theàrlach Òg Stiùbhairt.
'S ann ann cuideachd a tha a' bhana-bhàrd ainmeil Sgitheanach Màiri Mhòr nan Òran air a tiodhlaigeadh.
Bhiodh obair ann cuideachd aig Cladh na Seann Àrd-Eaglaise bho phròiseact sam biodh Comhairle na Gàidhealtachd agus Urras Dualchais Inbhir Nis an sàs.

Tha na geataichean aig Cladh nam Manach Liath tric dùinte agus daoine air milleadh a dhèanamh ann
Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach £20,000 a thoirt seachad airson sgrùdaidh aig coinneimh an ath-sheachdain.
Thathar ag amas air obair-càraidh a dhèanamh air clachan-uaighe am measg eile, agus bùird fhiosrachaidh mu eachdraidh nan cladhan a chur suas.
Thathar cuideadh ag iarraidh air comhairlichean taic a chur ri moladh £50,000 a chosg airson ballachan Cladh Thom na h-Iùbhraich a chàradh.
Tha 169 Uaighean Cogaidh a' Cho-fhlaitheis sa chladh Bhictòrianach de dhaoine a bh' anns na feachdan armaichte a chaochail sa Chiad Chogadh agus san Dàrna Cogadh.

Tha buill de chinn-fheadhna Foirbeis agus Grannd air an tiodhlacadh ann an Gàrradh an t-Seipeil
Tha ceangal aig Cladh nam Manach Liath leis na Manaich Dhubha, òrdugh cràbhach Caitligeach bhon 13mh Linn.
Thathar ag ràdh gu bheil taibhse an èideadh dubh ann agus 's e làrach a th' ann far am bi luchd-turais a' dol air cuairtean-coiseachd eachdraidh.
Mar as trice, tha geataichean a' chladha dùinte air sgàth agus na chaidh a dhèanamh de mhilleadh ann.
'S ann an Gàrradh an t-Seipeil a tha uaighean bhall de chinn-fheadhna Foirbeis agus Grannd, cho math ri ministearan, pròbhaistean agus lighichean.
Tha uaigh ann bhon 1600an sa bheil dust Hester Eliot, a bha càirdeach do Mhàiri Bànrigh na h-Albann.
Chaidh cuid de na h-uaighean a mhilleadh le Seumasaich nuair a thug iad ionnsaigh air seann Chaisteal Inbhir Nis, nach eil ann tuilleadh, ro Bhlàr Chùil Lodair.

Tha ceangal aig làrach cladh na seann Àrd-Eaglaise ri Naomh Calum Chille
Tha cladh na Seann Àrd-Eaglaise le sealladh air Abhainn Nis agus 's e làrach na h-eaglaise is sine ann an Inbhir Nis.
Tha dùil gur ann air an tom far an deach an t-Seann Àrd-Eaglais a thogail a chaidh Rìgh Brude iompachadh gu Crìostaidheachd le Naomh Calum Chille ann an 565.
Tha ceangal ann eadar an naomh agus uirsgeil Uilebheist Loch Nis.
Tha sgeulachd mu bheatha a' mhiseanaraidh a thathar a' smaoineachadh a chaidh a sgrìobhadh san 7mh Linn ag innse mar a choinnich e ris a' bheathach annasach ann an Abhainn Nis 's e air a shlighe ann an curach a choinneachadh ris an Rìgh Brude.
Chaidh a' phàirt as aosta den t-Seann Àrd-Eaglais na phrìosan an dèidh ruaig a dhèanamh air feachdan Theàrlaich Òig Stiùbhairt aig Blàr Chùl Lodair, agus chaidh Seumasaich a chur gu bàs air an làraich.
Tha ceanglaichean eachdraidheil cuideachd leis a' chladh, a tha a-nis fo shealbh urrais choimhearsnachd, le rèiseimeidean nan Camshronach agus Camshronaich na Banrigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An t-Iuchar
