Naidheachdan 11:00m
Ming Yang
Tha eas-aonta fhathast ann eadar Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mu phlanaichean le companaidh Shìonaich gus factaraidh chrann-gaoithe a thogail air a' Ghàidhealtachd. Chaidh bacadh a chur air làrach luach £1.5bn aig Ming Yang aig Àird nan Saor, ri linn draghan mu thèarainteachd nàiseanta. Tha am Prìomh Mhinistear John Swinney ag iarraidh ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' cho-dhùnadh, ach tha cuid a' fàgail air gu bheil e ag iarraidh seo air adhbharan poilitigeach. Thuirt Riaghaltas Westminster sa Mhàrt nach dèidheadh na planaichean air adhart, le ministearan ag ràdh gum feumadh iad dearbhadh gun robh e sàbhailte agus tèarainte.
GDP
Dh'fhàs eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte 0.4% eadar an Giblean agus an t-Ògmios. Tha an àireamh seo, ris an robh dùil le eòlaichean eaconamach, nas ìsle na am fàs de 0.6% a chunnacas sa chiad trì mìosan dhen bhliadhna.
Blue Tongue
Tha Aonadh nan Tuathanach a' toirt rabhadh seachad nach eil an Rìoghachd Aonaichte ullaichte mu choinneimh ghalaran ceangailte ri atharrachadh na gnàth-shìde a bheir buaidh air beathaichean agus lusan. Tha an galar Blue Tongue, a bhios a' marbhadh no ag adhbharachadh thrioblaidean torrachais ann an caoraich agus crodh, air a bhith a' sgaoileadh am-bliadhna le trì cùisean gan dearbhadh ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh. Tha an t-aonadh ag ràdh nach urrainnear cumail suas ris an iarrtas a th' ann airson bhanachdaichean.
Strathmore Hotels
Tha a' bhuidheann Strathmore Hotels, aig a bheil grunn taighean-òsta air feadh na h-Alba - còig air a' Ghàidhealtachd nam measg - a' dol ann an rianachd. Bidh na taighean-òsta uile - ochd dhiubh - fosgailte fhad 's a tha sgrùdadh ga dhèanamh air an t-slighe air adhart dhan ghnothachas. Tha luchd-rianachd ag ràdh gun robh Strathmore Hotels - aig a bheil còrr is 400 neach-obrach - ann an staing ionmhasail mus deach iadsan an sàs anns a' ghnothach na bu tràithe dhen t-seachdain.
Trafaig an Stòir
Dhearbh Comhairliche Sgitheanach gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' coimhead ri mar as urrainnear an trafaig air ceàrnaidhean dhen rathad eadar Port Rìgh agus Bodach an Stòir a làimhseachadh. Tha draghan air nochdadh gu bheil daoine tric steicte air an rathad ùine mhòr. Thuirt an Comhairliche Iain Fionnlasdan cuideachd gun tèid coimhead às ùr ri mar a tha airgead bho chìsean-parcaidh anns an eilean air a roinn.