Tha boireannach, 21, air a fìor dhroch leòn an tubaist rathaid air an A82

Seacaid phoilis
  • Air fhoillseachadh

Tha boireannach a' faighinn leigheis san ospadal an dèidh mar a chaidh a fìor dhroch leòn ann an tubaist eadar dà charbad air an A82 faisg air Inbhir Gharadh.

Thachair an tubaist san robh làraidh agus carbad pick-up aig mu 5:20f Diardaoin.

Thuirt Poileas Alba gun deach boireannach, 21, a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an dèidh na tubaiste.

Thuirt iad gu bheil an sgrùdadh a' leantainn feuch dè a bu choireach ris na thachair.