Eòrpa: Tro Thrì Dùthchannan

Riseard Price-Stephens is Mìcheal MacNèill
Fo-thiotal an deilbh,

Mìcheal MacNèill a' còmhradh ri Riseard Price-Stephens ann an Èirinn a Tuath

LeMìcheal MacNèill
Eòrpa
  • Air fhoillseachadh

Airson a' chiad uair, tha partaidhean nàiseantach a' riaghladh ann an Alba agus sa Chuimrigh is tha Prìomh Mhinistear Nàiseantach ann an Èirinn a Tuath.

Tha Mìcheal MacNèill air a bhith anns na trì dùthchannan airson Eòrpa a' coinneachadh ri daoine air gach taobh de dheasbad na bun-reachd.

Tha staid an Aonaidh agus na tha an dàn do dh'fhèin-riaghladh air a bhith fon phrosbaig sna mìosan mu dheireadh is trì de dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte a-nise bhòtadh 'son riaghaltasan a tha ag iarraidh astar a chur eadar iad fhèin agus Westminster.

Tha Eòrpa air a' bhith a' bruidhinn ri luchd-bhòtaidh às a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath agus Alba mu carson a' tha iad a' cur taic ri na partaidhean seo.

Thòisich sinn sa Chuimrigh far an robh crith-thalmhainn ann am poileataigs na dùthcha sa Chèitean nuair a chaidh Plaid Cymru a thaghadh mar phrìomh phartaidh san t-Senedd airson a' chiad uair.

'S e gluasad eachdraidheil a bha seo leis gun deach na Làbaraich - a bha a' riaghladh fad 27 bliadhna san t-Senedd - a phùtadh dhan treas àite às dèidh Reform UK.

Carson agus dè as coireach gun do chuir earrann mhath den luchd-bhòtaidh a bha roimhe dìleas dha na Làbaraich cùl ris a' phartaidh?

Chaidh sinn gu Merthyr Tydfil – baile cho Làbarach 's a ghabhas. Baile a bh' aig aon àm na phrìomh àite iarainn dhan t-saoghal.

Tro Thrì Dùthchannan

Airson a’ chiad uair, tha pàrtaidhean nàiseantach a-nis a’ riaghladh ann an Alba agus sa Chuimrigh, is tha Prìomh Mhinistear Nàiseantach ann an Èirinn a Tuath. Tha Mìcheal MacNèill air a bhith anns na trì dùthchannan a’ coinneachadh ri daoine air gach taobh de dheasbad na bun-reachd.

A dh'aindeoin na h-eachdraidh sin, chuir an luchd-bhòtaidh an seo – beagan agus 22,000 dhiubh - an cùl ris a' phartaidh am-bliadhna.

Tha fear-gnothaich tacsi a bha roimhe na chomhairliche do Reform UK agus a tha a-nise na chomhairliche neo-eismeileach den bheachd gu bheil fios aigesan carson.

Tha Anndra Barry ag ràdh gur e poileasaidhean nach eil a' tighinn a rèir an t-sluaigh a bu choireach ris a' ghluasad gu ìre mhòir.

Poileasaidhean leithid casg astair 20msu agus seirbheis slàinte a tha esan den bheachd nach eil ann – chan e fiù 's nach eil e ag obair.

Rinn e soilleir dhuinn gur e sin, na bheachdsan, a th' air daoine a stiùireadh air falbh bho na Làbaraich 's daoine ag iarraidh freagairt dha na duiligheadsan nam beatha làitheil.

Chan eil e leis fhèin na bheachd. Tha Dàibhidh Jones – ris an do choinnich sinn ann an cafaidh Thaigh-cluiche Soar ag innse dhuinn gun do bhòt esan fad a bheatha dha na Làbaraich ach am-bliadhna gun do chuir e taic ri Plaid airson a' chiad turas riamh.

Dh'innis Dàibhidh dhuinn gum bhòt e dha na Làbaraich a-rithist ann an taghadh na Rìoghachd Aonaichte, ach gu bheil grunn adhbharan ann a thaobh carson a chuir esan taic ri Plaid – nam measg stad a chur air Reform UK agus 'son cothrom a thoirt do phartaidh eile ùrachadh agus feuchainn ris an dùthaich ath-thogail.

Dàibhidh Jones
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Dàibhidh Jones am measg na ghluais a thaic bho na Làbaraich gu Plaid Cymru

Tha Dàibhidh mothachail gu bheil cuid eile a thug taic do Phlaid ag iarraidh neo-eisimeileachd, ach tha e ag ràdh nach eil esan den bharail gu bheil sin idir faisg air tachairt.

Ach thuirt e gu bheil suil ga cumail leis a' Chuimrigh air iomairt na neo-eisimeileachd ann an Alba.

Choinnich sinn cuideachd ri Stephen David, fear eile sa chafaidh ann an Taigh-cluiche Soar a bha air a chùl a chur ris na Làbaraich is air gluasad gu Plaid.

Tha Stephen ag ràdh nach robh e riamh a' faireachdainn gu bheil àite air a bhith ann dha ann am Plaid:

"Far am b' àbhaist dha na Làbaraich a bhith a' toirt buaidh air a h-uile pàirt den choimhearsnachd, eadar clubaichean sòisealta, aonaidhean ciùird agus poileataigs - tha sin air tòiseachadh a' crìonadh mar a tha a' bhun-stèidh chosnaidh a thug air na Làbaraich èirigh cuideachd air crìonadh.

"Gu h-àraid, ann am bailtean mèinearachd agus taobh a-muigh nan sgìrean far a bheil dream foghlaimte sna bailtean mòra.

"Dhomhsa dheth, saoilidh mi gu bheil dòigh-smaoineachaidh bheag, staigh-sheallach aig Plaid fhathast.

"Tha e stèidhichte air suidheachadh seann-fhasanta cànain agus cultair, 's cha robh sin riamh a' bruidhinn riumsa.

"Aig a' cheart àm 's e th' aig Reform ach poileataigs togail-fianais, poileataigs gearain. Chan eil e a' tabhainn fhreagairtean ceart sam bith."

Stephen David
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Stephen David cuideachd gu traidiseanta a' bhòtadh airson nan Làbarach

Thuirt am pàrtaidh Làbarach sa Chuimrigh gu bheil iad moiteil às na chaidh a choileanadh leotha thar nam bliadhnaichean.

"Tha dleastanas oirnn a-nise èisteachd ri sluagh na dùthcha gus tuigsinn agus ath-thogail a dhèanamh," thuirt iad.

Thuirt Reform UK: "Anns a' Chuimrigh agus san Rìoghachd Aonaichte gu lèir tha sinn a' toirt cothrom air linn ùr do choimhearsnachdan a tha a' faireachdainn gu bheileas air am fagail air dheireadh."

Rud a thuirt iad a tha na "partaidhean nas stèidhichte tric air a ghealltainn ach nach robh iad a' dèanamh".

Susan NicRuairidh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Susan NicRuairidh den bheachd gum bu chòir prìomhachas air rudan làitheil seach a' bhun-reachd

Thug ar turas-rathaid sinn gu Èirinn a Tuath cuideachd far an do thadhail sinn air Ionadan nam Ban ann am Béal-Feirste.

Dh'fhaighnich sinn de stiùirichean nan diofar ionadan ciamar a tha iadsan a' faireachdainn mun t-slighe a tha an t-Aonadh a' gabhail.

A bharrachd air seo bha sinn airson bruidhinn riutha mu bheachd a chaidh a thogail leis a' Phrìomh Mhinistear aca, Michelle O'Neill, gum faodadh co-obrachadh a bharrachd a bhith ann eadar na dùthchannan Ceilteach gus gluasad air falbh bhon riaghaltas san RA.

Tha Susan NicRuairidh agus Betty Carlisle a' fuireach air taobh eile a' bhalla sìthe bho chèile - balla a tha a' sgaradh choimhearsnachdan poblachdach agus dìlseach.

A-rithist 's e an teachdaireachd a fhuair sinn bhuapa gum bu chòir prìomhachas a thoirt do na gnothaichean a tha a' dèanamh dragh do dhaoine gu làitheil agus a bhith a' feuchainn ri fuasgladh fhaighinn orra sin an toiseach, seach a bhith a' bruidhinn air referendum a chumail mu Èirinn aonachadh neo a bhith a' co-obrachadh le dùthchanan Ceilteach eile.

A dh'aindeoin a bhith a' tighinn bho choimhearsnachdan agus creideamh eadar-dhealaichte, dh'innis na boireannaich seo dhuinn gu bheil iad a' co-obrachadh mar bhuidhnean gus taic a chumail ri boireannaich, ge b' i dè a' choimhearsnachd dham buin iad agus gur iad boireannaich - 's nach iad luchd-poileataigs - a chumas na coimhearsnachdan aca ri chèile aig deireadh an là.

Betty Carlisle
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Betty Carlisle cuideachd ag ràdh gu bheil àite fìor chudromach aig boireannaich ann a bhith a' cumail choimhearsnachdan còmhla

Tha gràin-cinnidh na thrioblaid mhòr, thuirt iad, agus tha dragh orra gu bheil sin a' faighinn prìomhachais mar a bha gràin-creideimh san àite.

Dh'fhàs e follaiseach mar a bha sinn a' siubhal tro na diofar dhùthchannan mar a tha caochladh bheachd ann a thaobh na slighe a tha poileataigs san RA a' gabhail, ach gu bheil daoine a' gabhail ris gu bheil iad ag iarraidh atharrachaidh 's nach eil iad idir aonaichte mu dè an t-atharrachadh a bu chòir a bhith ann gun luaidh air cò ris a' bhios an Rìoghachd coltach ann an còig bliadhna eile.

Shiubhail sinn gu bailtean Ghleann Arma agus Càrn Loch air còsta an ear-thuath Aontraim – àilleachd agus bòidhchead nam bailtean gad ghlacadh le Alba ri fhaicinn air an culaibh thar Sruth na Maoile.

Bha tàire againn grèim fhaighinn air daoine a bhiodh deònach bruidhinn rinn – leis gur e bàiltean beaga a th' annta 's gun mòran dhaoine deònach bruidhinn mu phoileataigs agus eachdraidh na sgìre a thaobh nan Trioblaidean agus an ceangal ri creideamh fhathast a' cur sgleò os an cionn.

Charlene Wilson
Fo-thiotal an deilbh,

Cha robh misneachd aig Charlene Wilson gun dèiligeadh luchd-poileataigs leis na trioblaidean làitheil aig an t-sluagh

Ann an Gleann Arma dh'innis Charlene Wilson – aig a' bheil bùth sa bhaile – gur e cosgaisean bith-beò a tha air bilean an t-sluaigh sa bhaile agus gu pearsanta gu bheil dìth-dòchais oirre gu bheil rùn am measg luchd-poileataigs - an dà chuid ann an Westminster agus ann an Stormont - èisteachd ri daoine agus barrachd a dhèanamh gus daoine àbhaisteach a chuideachadh, 's i ag ràdh gu bheil daoine a' fulang ri linn nan co-dhùnaidhean a tha iad a' gabhail.

Ann an Càrn Loch bha Riseard Price-Stephens ag innse dhuinn gu bheil bruidhinn mu referendum mu Èirinn aonachadh na rud a th' air a chluinntinn tric agus minig 's nach eil ann ach bleadraich.

Thuirt Riseard nach urrainn dha Poblachd na h-Èireann na tha e a' cosg seirbheisean slàinte 's eile a ruith ann an Èirinn a Tuath a ghiùlain agus nach eil fiù' s ballrachd aig a' phoblachd ann a' NATO a b' urrainear a chleachadh gus an dùthaich a dhìon nam biodh feum air.

Mar sin dheth, chan eil esan den bharail gu bheil an t-Aonadh idir ann an cunnart sam bith agus ged a bhiodh referendum ann gun tigeadh luchd-bhòtaidh dìlseach ann an Èirinn a Tuath còmhla agus gum buannaicheadh iad.

Tha am prògram Eòpra "Turas Trì Dùthchannan" cuideachd a' cluinntinn farsaingeachd bheachdan air staid an Aonaidh agus co-obrachadh nan dùthchannan Ceilteach bho ghrunn ghùthan air feadh Alba.