Criutha bhon tubaist iasgaich an Leòdhas air an ainmeachadh

Bha Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan is Tormod Moireach ag iasgach far Leòdhais
- Air fhoillseachadh
Tha Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich air an iomairt aca 'son lorg fhaighinn air dithis iasgairean a tha fhathast dhìth far Leòdhais a thoirt gu ceann aig an ìre seo, ach ma thig fiosrachadh ùr.
Nas tràithe Diardaoin chaidh fear eile den chriutha a fhuaireadh marbh ainmeachadh mar Douglas Craigie, 49.
Bha Mgr Craigie mar phàirt de chriutha de thriùir a bha air bòrd an t-soithich Kilda.
Tha an dithis eile, Tormod Moireach, 40, no Tam mar a tha aig daoine air, is Murchadh Moireasdan, 23, fhathast a dhìth, is cha deach am bàta fhèin a lorg.
'S ann à Leòdhas a tha na fir uile.
Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich gun deach fios a chur thuca mu 21:20 oidhche Mhàirt nuair nach do thill an soitheach agus an triùir a bh' air bòrd innte gu cala.
Chaidh iomairt mhòr theasairginn a chur air dòigh le grunn bhuidhnean an sàs.
Dhearbh Poileas Alba gun deach corp fireannaich a thoirt às an uisge aig mu 02:45 sa mhadainn Diciadain.

Flùraichean air am fàgail ann an Nis Diardaoin
Thathar a' tuigsinn gun do sheòl am bàta à Brèibhig mu 07:30m Dimàirt is gun deach iad dha na h-uisgeachan far Phort Nis.
Thuirt an t-Àrd-Inspeactair Ross McCartney, comandair nam poileas sna h-Eileanan an Iar: "Tha ar smuaintean leis a h-uile duine air an tug an tubaist seo buaidh.
"Dh'iarramaid gun tèid spèis a thoirt do phrìobhaideachd teaghlaichean an triùir fhireannach aig an àm dhùilich seo.
"Tha taic shònraichte ga toirt dha na teaghlaichean.
"Tha fios againn gun cuidich a' choimhearsnachd ann an dòigh sam bith as urrainn dhaibh, ach tha suidheachadh gu math dùbhlanach ann agus dh'iarrainn air daoine gun iad fhèin a chur ann an cunnart."
Ma tha fiosrachadh aig daoine bu chòir fios a chur air Poileas Alba air 101 is àireamh 3575 13/10/26 a thoirt seachad.
Bidh cuideachd barrachd oifigearan an làthair ann an Nis.
"Latha dorcha do Leòdhas" is aon iasgair air bàsachadh agus dithis a dhìth
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
Thog BP nan Eilean Siar Torcuil Crichton an gnothach ann an Taigh nan Cumantan Diardaoin is e a' dèanamh moladh air na maoir-chladaich, RNLI is poilis a tha air a bhith an sàs san iomairt.
A' bruidhinn ris a' BhBC feasgar, thuirt Mgr Crichton gu bheil an tubaist air buaidh mhòr a thoirt chan ann a-mhàin air Nis, Barabhas is Càrlabhagh, ach air coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar.
Thuirt e gun do thachair e ri Douglas Craigie mu dheireadh aig Co-labhairt Chomann Iasgairean nan Eilean Siar an-uiridh is gun d' thug Mgr Craigie togail mòr dhan tachartas sin.
"Bhiodh Douglas air a bhith 50 an-diugh agus tha a theaghlach a-nise ag ullachadh airson tiodhlachadh seach partaidh.
"Tha urram mòr aig daoine ann an Nis dha Tam - Tormod Moireach - is e na phàirt den sgioba a bhios a' sealg a' ghuga gach bliadhna.
"Agus Murchadh Moireasdan, 23, am fear as òige, an seòrsa duine a tha sinn a' feuchainn ri brosnachadh 'son a dhol gu muir agus an traidisean iasgaich seo a chumail beò, ach 's e an obair as cunnartaiche a th' ann am Breatainn."
Tha mòran aig a' Mhòd ann an Glaschu cuideachd air a bhith a' smaointinn air an tubaist.
Bha mionaid de shàmhchair ann madainn Diardaoin is an Comunn Gàidhealach ag ràdh gun robh iad 'son co-fhaireachdainn a shealltainn dhan a h-uile duine air an tug an tubaist buaidh.