Cead ga mholadh do dh'ionad-stòraidh aig seann Rollerbowl Inbhir Nis

Togalach mòr le mullach uaine agus càr geal air a pharcadh air a bheulaibh. Tha Rollerbowl sgrìobhte air soidhne air cliathaich an togalaich.Tùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Mhol oifigearan aig Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid cead a thoirt do phlana airson seann ionad bobhlaidh ann an Inbhir Nis atharrachadh gu bhith na ionad stòraidh air màl.

Dhùin ionad Rollerbowl san Dàmhair 2025 an dèidh a bhith stèidhichte 36 bliadhna.

Bha mu 25 duine ag obair air an làraich ann an sgìre Chùil Daothail den bhaile, le 24 lèana bobhlaidh, arcàid, talla pùil, bàr agus taigh-bìdh na lùib.

Aig an àm thuirt a' chompanaidh gur e farpais ùr agus suidheachadh dùbhlanach a bh' air cùlaibh a' cho-dhùnaidh.

Thèid na planaichean aig Wellmont Eta air beulaibh comataidh dealbhachaidh a' chinn a deas aig Comhairle na Gàidhealtachd an ath-sheachdain.

Chaidh a mholadh do bhuill cead a thoirt don phlana.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Loch Àrdail agus Druimean air cur an aghaidh a' phlana, ag ràdh nach eil e a' tighinn a rèir na sgìre.