Freagairtean gan sireadh mu dhuilgheadasan taigheadais

Taighean ùra ann an ceann a tuath na Hearadh
  • Air fhoillseachadh

Tha buill-phàrlamaid nan Eilean Siar ann an Westminster agus Holyrood air suirbhidh mhòr thaigheadais a chur air dòigh 's iad airson tomhas fhaighinn air feumalachdan eileanach aig an taigh agus air tìr-mòr.

Tha iad airson cluinntinn bho dhaoine òga, ghnìomhachasan agus bhuidhneann sa choimhearsnachd eadar seo agus toiseach na Sultaine, a dh'fhaicinn co-dhiù tha dìth taigheadais a' toirt buaidh orra.

A rèir Thorcuil Crichton BP, 's e gainnead thaighean aon de na rudan as motha a tha a' toirt buaidh air eaconamaidh agus àireamh-sluaigh nan eilean.

Ach chan eil e den bheachd gu bheil dealbh soilleir ann a thaobh iarrtais.

"Tha liostaichean feitheimh airson taighean agus far a bheil taighean stèidhichte glè thric a' toirt buaidh air an dòigh anns a bheil iarrtas air a mheas," thuirt e.

Tha e fhèin agus Dòmhnall MacFhionnghain BPA ag iarraidh dàta a chruinneachadh bho eileanaich nach eil a' fuireach anns na h-Eileanan.

Dithis fhireannach nan seasamh le an làmhan nam pòcaidean. Tha an tràigh air an cùlaibh.
Fo-thiotal an deilbh,

Torcuil Crichton BP agus Dòmhnall MacFhionnghain BPA

Tha iad cuideachd a' sireadh bheachdan bho bhuidhnean coimhearsnachd agus bho ghìomhachasan, a dh'fhaicinn a bheil gainnead thaighean a' toirt buaidh air fastadh agus cruthachadh chosnaidhean.

Leis an seo, thathas an dòchas dealbh nas coileanta fhaighinn air an t-suidheachadh.

Nuair a bha Mgr MacFhionnghain a' coinneachadh ri daoine tro iomairt an taghaidh, bha e mothachail gun robh taigheadas tric a' nochdadh mar chuspair.

Thuirt e: "Bha e soilleir gu bheil seo na dhuilgheadas air feadh nan Eilean Siar."

"Leis an t-suirbhidh seo, tha sinn an dòchas beachd ceart fhaighinn air a' bhuaidh a tha taigheadas a' toirt air na co-dhùnaidhean a tha daoine a' dèanamh agus na cothroman a dh'fhaodadh a bhith ann do choimhearsnachdan ma gheibh sinn air cùisean a leasachadh."

Tha an ceisteachan, taobh a-muigh fosgailte bho an-diugh chun an 1mh là den t-Sultain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo