Tràigh Horgaboist air a h-ainmeachadh mar an tràigh as fheàrr an Alba

Dealbh de Thràigh Horgaboist bho gu h-àrd.Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Tràigh Horgaboist sna Hearadh ainmeachadh mar an tràigh as fheàrr an Alba, le pàipearan-naidheachd An Times agus An Sunday Times.

Chaidh 'Tràigh na Bliadhna' ann an Alba a bhuileachadh oirre, am measg an 50 tràigh as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte.

Tha Tràigh Horgaboist air costa an iar-dheas na Hearadh, mu 11 mhìle deas air an Tairbeart.

Ged a 's ann an-dràsta a tha i a' faighinn aire, tha i air a bhith a' tarraing mhuinntir nan eilean agus luchd-turais 'son ùine mhòir.

'S iomadh tràigh àlainn a th' anns na Hearadh ach tha Richard MacGilleFhinnein, a tha a' ruith làrach-campachaidh Horgaboist, den bheachd gu bheil aon rud ann a tha a' fàgail Tràigh Horgaboist air thoiseach air càch.

Thuirt e: "Tha Horgabost a' fàs nas ainichte airson seann daoine agus daoine a tha ciorramach."

"Tha i uabhasach furasta faighinn thuice. Tha mi a' smaoineachadh gur e sin a tha ga dèanamh sònraichte."

Ged a tha Richard a' cur fàilte air luchd-turais, tha beagan uallaich air mu bhuaidh na liosta seo.

"Tha Horgabost cho trang mar a tha e," thuirt e.

"Tha i uaireanan gu math trang tron là, ma tha an t-sìde math. Chan eil àitichean gu leòr ann far am fàg daoine carbadan.

"Tha tòrr choidsichean a' tighinn à Steòrnabhagh nuair a tha na soithichean mòra crùis a-staigh."

"Bidh iad a' tighinn chun na tràghad agus a' cleachdadh nan goireasan."

"'S e beagan de dh'uallach a th' ann. Cha bu toil leam cus eile a' tighinn."

A' ghrian a' dol fodhaTùs an deilbh, Getty Images

Tha Tràigh Horgaboist a' coimhead a-null gu eilean Tharasaigh, beanntan chinn a tuath na Hearadh agus Tràigh Losgaintir, a th' air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail airson a bòichead.

Ann an 2016, b' ì an aon tràigh an Alba a nochd air liosta TripAdvisor de na deich tràighean as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte

Ach tha draghan air nochdadh thar nam bliadhnaichean mun bhuaidh a tha an àireamh a tha a' tadhal oirre sin a' toirt air muinntir an àite 's air an àrainneachd.

Le cladh a' bhaile ri taobh na tràghad agus gun ach aon raon-parcaidh ann, tha mì-thoileachas air a bhith ann mu dhìth àitichean-parcaidh do dhaoine a tha a' dol gu tiodhlacaidhean.

Measadh

Airson an liosta seo a chruthachadh, chaidh suirbhidh a dhèanamh thairis air còig seachdainean le luchd-measaidh a' siubhal còrr is 4,000 mìle.

Bha liosta fhada de 607 tràigh aca agus bhathas air am meas mu choinneimh dusan slat-tomhais.

Nam measg bha glainead na tràghad agus na mara, parcadh, cho furasta 's a tha e faighinn thuca agus staid nan taighean-beaga.

Chaidh slat-tomhais ùr a chur ris a' mheasadh am-bliadhna agus sin ceangal coimhearsanchd.

Bha Clachan Shannda ann an Uibhist a Tuath agus Tràigh Bhaile na Cille 's Tràigh Bhàgh Chearbhaig air a' Ghàidhealtachd cuideachd air an ainmeachadh air an liosta.