Bacadh aig cladh Losgaintir
Chan eil muinntir na Hearadh toilichte mun t-suidheachadh parcaidh aig a' chladh ann an Losgaintir.
Tha seo às dèidh iomadh gearan san t-seachdain a dh'fhalbh a thaobh bhanaichean-campachaidh san sgìre, le cuid ag ràdh nach fhaigh iad gu uaighean feadhainn a bha dlùth dhaibh.
Chaidh athchuinge mun a chùis a chur air chois, le cho fiadhaich 's a tha cuid.
Tha Ailig John Moireasdan ag aithris.