Dragh an eileanan Earra-Ghàidheal mu bhuaidh thuath-gaoithe aig muir

Boireannach ann an gàrradh.
Fo-thiotal an deilbh,

Mairead Mhoireach

LeAndreas Wolff
BBC NaidheachdanAg aithris àEarra-Ghàidheal
  • Air fhoillseachadh

Tha gnothachasan turasachd ann an eileanan Earra-Ghàidheal air dragh a nochdadh mu phlanaichean na companaidh Scottish Power Renewables airson tuath-gaoithe mòr aig muir.

Fo phlanaichean na companaidh airson pròiseact Gaoth na Machaire, taobh a-muigh, bhiodh eadar 90 agus 144 crann-gaoithe air an cur an sàs sa mhuir an iar air Eilean Ì, Muile, Colbhasa is Ìle.

Bhiodh timcheall air 300m de dh'àirde annta agus chruthaicheadh iad dealan gu leòr airson cumhachd a chumail ri dà mhillean dachaigh.

Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh aig deireadh an Ògmhios.

Tha an leasachadh mar phàirt de rùp ScotWind aig Riaghaltas na h-Alba, mar a tha plana connspaideach Spiorad na Mara far chosta Leòdhais.

Ach tha uallach air cuid a tha ag obair ann an turasachd gum milleadh an leasachadh na seallaidhean a-mach gu muir agus gun seachnadh luchd-turais an sgìre rin linn.

"Atharrachadh obann"

Tha Mairead Mhoireach bhon bhuidhinn Visit Mull and Iona am measg an fheadhainn air a bheil dragh.

Thuirt i: "Tha ar cultar, ar coimhearsnachd agus ar cosnaidhean an eisimeil cruth na tìre. Sin am prìomh rud a th' againn airson daoine a tharraing.

"Tha dragh mòr ann gu bheil an leasachadh seo a' dol a thoirt uiread de dhroch bhuaidh air an sin 's gun cuir e an eaconamaidh againn ann an cunnart.

"Gu ruige seo chan eil iad air smaoineachadh idir mun bhuaidh a bheir e air na h-eileanan. Cha robh riamh càil mar seo anns na h-eileanan seo.

"'S e glè bheag a leasachadh gnìomhachais a th' ann a bharrachd air an uisge-bheatha ann an Ìle.

"'S e atharrachadh obann a tha seo."

Tha iomagain cuideachd air nochdadh ann an Colbhasa, an t-eilean as fhaisge air an leasachadh.

Sealladh de dh' Eilean Ì bhon mhuir.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha draghan air cuid an Eilean Ì mu na planaichean

Thuirt Scottish Power Renewables gun cuir am pròiseact gu mòr ris a' ghluasad gu cumhachd uaine.

Thuirt iad gun deach sgrùdaidhean neo-eisimeileach a dhèanamh air buaidh pròiseact Gaoth na Machaire air an eaconamaidh agus turasachd.

Thuirt iad gun robh na rannsachaidhean seo cuideachd a' coimhead air cothroman do choimhearsnachdan eileanach, a thuilleadh air sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid san fharsaingeachd.

Sin a thaobh buannachd eaconamach agus sòisealta leithid chosnaidhean, sgilean agus cothroman eile, thuirt iad.

Tha iad ag ràdh gu bheil cliù aca mar chompanaidh a tha air tuathan-gaoithe aig muir is air tìr a leasachadh ann an dòigh chùramach, is gun urrainn dha na leasachaidhean aca a dhol air adhart gun droch bhuaidh a thoirt air an àrainneachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo