Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Thuirt Ceann-suidhe a' Chomisein Eòrpaich, Ursula Von Der Leyen, gur e leudachadh air cogadh na Ruis san Ucràin a th' ann an ionnsaighean air luingeas marsanta far chladach Bhulgàiria. Bhuail urchairean dròna ann an dà bhàta carago sa Mhuir Dhubh agus tha 11 duine de mharaichean a dhìth an dèidh do dh'aon shoitheach a dhol fodha. Chaidh ionnsaigh a thoirt air còig bàtaichean eile san sgìre air an t-seachdain mu dheireadh.

Ola teasachaidh

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dùil riaghailtean nas cruaidhe a chur air a' mhargaidh airson ola dachaigh. Tha a' phrìs air faisg air dùblachadh agus chan eil dìon air luchd-cleachdaidh na h-ola mar a tha le cuibhreachadh air prìs gas agus dealain. Thuirt an riaghaltas gum bi riaghailtean nas teinne ann agus gum bi iad a' brosnachadh farpais anns a' mhargaidh.

An IMF

Tha a' Mhaoin Airgid Eadar-nàiseanta den bheachd gum bi fàs nas motha na bha dùil ann an eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte am-bliadhna. Ach tha an IMF ag ràdh gum bi an atmhorachd ag èirigh nas motha na bha dùil.

Spreadhadh Logarbaidh

Dh'iarr fear à Libia a tha fo amharas gur e a thog am boma a rinn spreadhadh Logarbaidh air britheamh anns na Stàitean Aonaichte cur às dhan chùis na aghaidh. Tha dùil ri Abu Agila Mohammad Mas'ud Kheir Al-Marimi sa chùirt ann an Washington DC san Fhaoilleach. Tha esan a' cumail a mach gun deach a chur am bruid gu mì-laghail mus deach a chur ann an làmhan an FBI.

QinetiQ

Tha dùil ri leasachadh mòr aig Raon Rocaid Uibhist a Deas an dèidh do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cùmhnant sa bheil luach nam milleanan notaichean a dhèanamh leis a' chompanaidh QinetiQ. Thèid an làrach ullachadh airson deuchainnean air urchairean hypersonic agus teicneòlas ùr eile.

Andy Burnham

Tha dùil ris a' Phrìomhaire an Alba nuair a bhios co-labhairt an SNP ann an Obar Dheathain aig deireadh na seachdain seo. Bidh Andy Burnham a' bruidhinn air tuilleadh fèin-riaghlaidh dha na sgìrean ionadail mar roghainn seach iomairt John Swinney airson referendum eile air neo-eisimeileachd.

Am Mòd

'S e là nam fileantach a th' ann an-diugh aig Mòd na Cloinne aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu le dùil ri mu 1,100 farpaiseach, an àireamh as motha riamh air Dimàirt a' Mhòid. Agus leis cho mòr 's a tha na h-àireamhan sin tha feadhainn de na farpaisean gan sgaradh eadar dà bhuidhinn.