Peantairean gan sireadh do Dhùnrath

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-obrach gan sireadh airson cùmhant luach suas ri £500,000 airson "bàla-goilf" ionad niùclasach Dhùnrath ann an Gallaibh a pheantadh.
Tha a' chiad readhactar luath-ghin niùlasach san t-saoghal fon mhullach chruinn seo, a tha 41m de leud.
'S e Nuclear Restoration Services (NRS), a' chompanaidh a tha a' stiùireadh obair dhì-choimiseanadh Dhùnrath, a tha a' sireadh nam peantairean sònraichte.
Bidh aca ri pàirtean meirgeach den dòm a tha furasta a ruighinn a pheantadh.
B' ann bho chionn 25 bliadhna a chaidh an dòm gu lèir a pheantadh mu dheireadh, agus chaidh co-dhùnadh mu 2011 nach tachradh sin tuilleadh air sgàth na cosgais agus leis gu bheil plana ann a leagail.
Chaidh Ionad Niùclasach Dhùnrath, faisg air Inbhir Theòrsa air costa a Tuath Ghallaibh, a stèidheachadh bho chionn 70 bliadhna.
Ann an 1962, b' e an readhactar luath anns an dòm a' chiad fhear san t-saoghal a chuir dealan gu griod nàiseanta.
Chaidh cumhachd gu leòr airson baile beag a chruthachadh.
Dhùin an readhactar ann an 1977.
Bha moladh ann am bàla-goilf a ghlèidheadh mar chuimhneachan air a' phàirt a bh' aig an sgìre ann an leasachadh chumhachd niùclasaich, ach chaidh am beachd sin a leigeil às.
Chaidh co-dhùnadh nach deadh an dòm gu lèir a pheantadh gach deich bliadhna ri linn 's gun robh an obair sin glè chosgail.
Thuirt DSRL, a bha a' ruith na làraich aig an àm, gun robh an stàilinn tiugh gu leòr airson seasamh gus an deadh an readhactar a thoirt às a chèile.