700cg de ghas air aoidion às a' Ghlen Sannox

Tha an Glen Sannox air a bhith air slighean anns na h-Eileanan Siar anns na mìosan mu dheireadh
- Air fhoillseachadh
Chaidh 700cg de ghas methane mu sgaoil às an MV Glen Sannox 's i a' seòladh eadar Eilean Arainn agus tìr-mòr san Ògmhios an-uiridh ri linn bhalbh bhriste.
Chuala am BBC gun d' fhuair rannsachadh a rinn CalMac fhèin gun do dh'aoidion an gas - gu leòr airson taigh ceithir seòmraichean cadail a lìonadh - thairis air 12 mionaid fhad 's a bha 82 luchd-siubhail air bòrd.
Bha uimhir ann dheth 's gun deach cuid dheth a tharraing a-steach air siostam ghaothachaidh an t-soithich, a' cur alarm gas gu dol anns an t-seòmar ghineadair.
Thuirt aithisg ChalMac gun robh glè bheag de chunnart ann gun tacharadh spreadhadh, ach gur e "fàiligeadh critigeach" bh' ann ann an siostam connadh gas an t-soithich, 's gun deach leasanan ionnsachadh.
Thachair an aoidion air an 3mh là den Ògmhios 2025, dìreach beagan mhìosan an dèidh dhan Ghlen Sannox tòiseachadh air an t-slighe.
Cha deach am fiosrachadh a dhèanamh poblach aig an àm, ach thàinig e am bàrr an dèidh iarrtas fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh bhon BhBC.

Chaidh an siostaman putaidh air a' Ghlen Sannox a dhealbh 's a sholarachadh leis a' chompanaidh Fhionnlannaich Wartsila, tè de phrìomh chompanaidhean an t-saoghail a thaobh einnseanan LNG (Gas Lionnach Nàdarra), a bha ag obair mar fho-chùmhnantaich aig Gàrradh MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu.
Tha siostam dùnaidh an sàs sna h-einnseanan, a chuireas dheth iad ma tha bruthadh gas neo-àbhaisteach ann.
'S i a' chiad soitheach a chaidh a thogail ann am Breatainn a tha comasach air a ruith gu tur air LNG, ged a tha comas aice ruith air diesel cuideachd gus nach caill i cumhachd ann an cala nan tòisicheadh an siostam dùnaidh.
Uair sam bith a thèid an soitheach bho ghas gu diesel, feumar methane sam bith a tha fhathast sna pìoban a leigeil às dhan àile.
'S e na dh'adhbharaich an aoidion gun robh bhalbh a bha an sàs sa phròiseas sin air fàiligeadh, 's bha e steigte fosgailte, a' fàgail gun deach gas le mòr-bhruthadh a bha còir a dhol dhan einnnsean a chur a-mach dhan àile.
Thòisich an criutha an toiseach a' feuchainn ris an einnsean a thòiseachadh a-rithist air gas, mus do mhothaich iad gun robh methane ag aoidion.
Thàinig air luchd-einnsinnìridh am bhalbh a dhùnadh gu fiosaigeach leis nach robh e a' freagairt air smachd dealain.

Chaidh prìomh einnseanan a' Ghlen Sannox a dhèanamh leis a' chompanaidh Fhionnlannaich Wartsila
Chaidh am bhalbh a chur gu Wartsila airson rannsachaidh, agus chaidh fhaighinn gun robh slige mheadailte air a mhilleadh, 's dùil gur e pàirt eile a bh' air briseadh dheth a rinn a chaitheamh.
Tha trioblaid aig a' Ghlen Sannox le crathadh 's i a' dol an comhair a cùil, agus tha sin air a cheangal ris na proileilearan - a chaidh cuideachd a dhealbh le Wartsila, 's a tha gu bhith air an ùrachadh.
Fhuair rannsachadh CalMac gun do thòisich am bhalbh a' fàiligeadh air an t-slighe a-mach gu Eilean Arainn, 's an uair sin gun do dh'fhàilig e gu tur nuair a chaidh na h-einnseanan a chur gu dol buileach air an t-slighe air ais dhan Truthail.
An cùmhnant samhlachail a theab lìonra nan aiseagan a chur fodha
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
Eileanaich a' cur fàilte air an Glen Sannox ach teagamhan ann fhathast
- Air fhoillseachadh13 Am Faoilleach 2025
An Glen Sannox mar shoitheach dha na h-Eileanan fad an t-samhraidh
- Air fhoillseachadh22 An t-Ògmhios
Slige an Glen Sannox air a sgàineadh
- Air fhoillseachadh14 Am Màrt 2025
Tha e air tighinn am follais gun deach cuid de na h-einnseanan a rinn Wartsila a chur gu Gàrradh MhicFhearghais ann an 2017 gun seansoran sàbhailteachd nan cois, agus an teicneòlas LNG ro ùr airson riaghailtean soilleir a bhith ann aig an àm.
Chaidh an soitheach a chur ann an seirbheis sia bliadhna air dheireadh, agus na milleanan mòra notaichean thairis air buidseat.
Bho thachair an t-aoidion chan eil CalMac air prìomh einnseanan an t-soithich a ruith air LNG, 's chaidh an tanca gas fhalamhachadh gu tur san t-Samhain an-uiridh.
Thuirt CalMac gum biodh e sàbhailte gu leòr a ruith air LNG, ged is ann air diesel a-mhàin a chaidh a ruith bhon uair sin.
Tha an Glen Sannox air a bhith ga cleachdadh air slighean anns na h-Eileanan Siar anns na mìosan a dh'fhalbh.