Na Làbaraich a' toirt roinn nan Eilean Siar bhon SNP an dèidh 19 bliadhna

Thug Dòmhnall MacFhionghain taing do "mhuinntir nan Eilean Siar airson earbsa a chur annam"
- Air fhoillseachadh
Rinn an tagraiche Làbarach Dòmhnall MacFhionghain a' chùis an roinn-phàrlamaid nan Eilean Siar ann am farpais air leth teann leis an SNP.
Chaidh Alasdair Allan a thaghadh an toiseach don SNP san sgìre ann an 2007, agus bha dreuchd ministeir aige ann an riaghaltas Ailig Salmond, Nicola Sturgeon agus John Swinney.
Cha robh ach 154 bhòtaichean eadar Mgr Allan agus Mgr MacFhionghain, a tha ag obair ann an leasachadh coimhearsnachd do dh'Urras Chàrlabhaigh.
Thuirt Dòmhnall MacFhionghain gun robh e taingeil gun "do chuir muinntir nan Eilean Siar an earbsa annam".
Thuirt Mgr Allan gun robh buil na bhòt "na bhriseadh-dùil ach 's e onair a bh' ann agus tha mi taingeil gun robh mi san dreuchd seo ann an àite cho mìorbhaileach".

Ghabh Alasdair Allan ris gura dòcha gun tug staing nan aiseagan buaidh air an iomairt aige
Tha sinn air a bhith a' cluinntinn tron iomairt mu mhì-thoileachas le seirbheisean poblach, seirbhisean slàinte agus seirbhisean aiseig.
Aig aon àm bha deich de shoithichean ChalMac nach robh a' seòladh.
Ghabh Alasdair Allan ris gura dòcha gun do rinn staing nan aiseag cron air an iomairt aige agus gun robh "daoine a' bruidhinn mu dheidhinn sin aig na dorsan".
"Ach sin mar a tha e ann am poileataigs, tha a h-uile càil ag atharrachadh ach 's e briseadh-dùil a th' ann gun teagamh sam bith," thuirt e.

Airson a' chiad uair ann an eachdraidh taghaidhean na h-Alba, tha muinntir nan Eilean Siar air bhòtadh an aghaidh an t-struth.
Thug Mgr MacFhionghain taing do dh'Alasdair Allan airson an cuid seirbheis fad 19 bliadhna.
Thuirt e: "Bhruidhinn sinn air strì a dhèanamh airson maoineachadh nas cothromaiche don Chomhairle, bhruidhinn sinn mu staing nan aiseagan agus mar a tha riochdaire làidir ann an Dùn Èideann a nì strì dhuinn air na cuspairean seo."
B' e roinn-phàrlamaid nan Eilean Siar a' chiad tè a chaidh a ghairm.
Bhòt 57% den luchd-bhòtaidh agus chaidh 12,433 bhòtaichean a chur uile gu lèir.