Seirbheis Tagsa Uibhist "math gu leòr"

- Air fhoillseachadh
Chaidh seirbhisean cùraim san dachaigh ann an Uibhist is Beinn na Faoghla a mheas aig ìre math gu leòr le Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim.
Chaidh sgrùdadh gun rabhadh a dhèanamh air seirbheisean Tagsa Uibhist anns a' Chèitean.
Tha cùram dachaigh Tagsa Uibhist a' tabhainn cùram aig an taigh agus tha iad a' toirt chothroman do luchd-cùraim fois a ghabhail.
Fhuair aithisg a' Choimisein, taobh a-muigh gun robhar a' toirt taic seachad gu cunbhalach gus am b' urrainn do dhaoine fuireach nan dachaighean fhèin agus gu bheil càirdeas math aig luchd-cleachdaidh na seirbheis leis an luchd-obrach.
Ach thuirt an aithisg cuideachd gum feum piseach tighinn air obair-pàipeir, planadh cùraim agus ìre na seirbheis.
Adhartas aig Dachaigh-Cùraim an t-Òib
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean
Stiùidio teiripe-ealain ùr do mhuinntir Uibhist
- Air fhoillseachadh29 An Giblean
Chaidh innse cuideachd nach deach còig amasan a chaidh a chur mu choinneamh na seirbheis anns a' Ghearran a choileanadh - sin co-cheangailte ri smachd air cungaidhean-leigheis, trèanadh do luchd-obrach agus fastadh nas sàbhailte.
Chaidh na cinn-latha air na h-amasan seo a ghluasad air ais gu meadhan an Iuchair agus deireadh an Lùnastail.
Thog cuid de luchd-obrach dragh mu ìrean luchd-obrach agus thuirt an aithisg gun deach adhartas a dhèanamh a thaobh a bhith a' fastadh dhaoine ach gun robh obair a bharrachd a dhìth.
Chuir Tagsa Uibhist fàilte air an aithisg agus thuirt iad gu bheil iad air tòiseachadh air adhartas a dhèanamh gus na h-amasan a choileanadh anns an ùine a chaidh a chur romhpa.
"Tha dealas gu math mòr aig Tagsa Uibhist do mhaith nan daoine dha bheil sinn a toirt taic air feadh Beinn na Faoghla is Uibhist agus ann a bhith ag adhartachadh nan seirbheisean againn fad na h-ùine," thuirt neach-labhairt.