Adhartas aig Dachaigh-Cùraim an t-Òib

Dachaigh-Cùraim an t-ÒibTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Fhuair Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim gun tàinig leasachadh air mar a tha Dachaigh-Cùraim an t-Òib anns na Hearadh air a ruith.

Chaidh an dachaigh a mheas 'math' thairis air ceithir slatan-tomhais às dèidh do luchd-sgrùdaidh tadhail gun rabhadh thairis air trì là tràth sa Mhàrt.

Tha an dachaigh, a th' air a ruith leis an Eaglais Shaoir Chlèirich, a' toirt cùraim do suas ri 15 duine.

Bha luchd-sgrùdaidh air tadhal roimhe san Fhaoilleach, nuair a fhuair iad nach robh an dachaigh air cinn-là airson piseach a thoirt air an t-seirbheis a choileanadh.

Bha na h-amasan sin co-cheangailte ri measaidhean slàinte agus planaichean pearsanta.

Anns an aithisg ùir, taobh a-muigh, fhuair luchd-sgrùdaidh gun deach na h-amasan a-nise a choileanadh.

A thuilleadh air sin, fhuair iad gun deach dèiligeadh ri duilgheadasan a thaobh na th' ann de luchd-obrach.

Tha an aithisg ag ràdh gun robh luchd-còmhnaidh a' faighinn cùraim a bha coibhneil is tuigseach is gun robh iad a' faireachdainn sàbhailte.

Thuirt aonan den luchd-còmhnaidh: "Tha iad cho math dhomh, 's e seo an t-àite as fheàrr dhomh a bhith."

Thuirt neach eile: "Tha na manaidsearan is an sgioba cho dìcheallach, tha iad an-còmhnaidh ann dhuinn is chan eil dad cus dhaibh."

Chaidh togail cuideachd air mar a bha luchd-obrach is luchd-còmhnaidh a' bruidhinn ann an Gàidhlig is Beurla, rud a bha an luchd-sgrùdaidh ag ràdh a bha a' sealltainn cho cudromach 's a tha ceanglaichean coimhearsnachd san dachaigh.

Fhuair an an aithisg gun robh manaidsearan air obrachadh cruaidh gus na leasachaidhean a dhèanamh ann an dòigh fhosgailte.

Thog luchd-sgrùdaidh gum bu chòir fhathast leasachadh a dhèanamh a thaobh fiosrachadh a chlàradh mu dhaoine a th' ann an cunnart tachdadh, agus cuideachd a thaobh measaidhean luchd-obrach a chrìochnachadh.