Ceannardan ChalMac air beulaibh rannsachadh nan ceanglaichean stèidhichte

 Hong Kong-Zhuhai-MacauTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Àrd-oifigear Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn gum bu chòir piseach tighinn air seirbheisean aiseig mar a thig soithichean ùra a-steach gu seirbheis.

Thuirt Donnchadh Mackison ge-tà, gu bheil e deatamach gun tèid aiseagan ùra a thogail gu cunbhalach.

Bha e a' toirt seachad fianais aig Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster is iad an-dràsta a' rannsachadh cheanglaichean stèidhichte.

Tha a' chomataidh a' coimhead ris an argamaid airson cheanglaichean - leithid tunailean is drochaidhean - agus a bheil àite aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann a bhith a' cur taic ri pròiseactan mar seo.

Nuair a nochd Ceannard Comhairle nan Eilean Siar air beulaibh na comataidh air a' mhìos seo chaidh, thuirt e gur dòcha nach deach adhartas a dhèanamh le ceanglaichean stèidhiche gu seo air sgàth 's gu bheil trioblaidean air a bhith ann cho tric le seirbheisean aiseig.

"Gu mì-fhortanach tha sinn a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba mu chòmhdhail cha mhòr gach là," thuirt Pòl Steele ris a' chomataidh.

"Chan e ceanglaichean stèidhichte a th' ann ge-tà ach aiseagan - oir tha na h-uimhir de thrioblaidean air a bhith againn thairis air na bliadhnaichean.

"'S e sin am fòcas a th' air a bhith ann is tha mi a' smaointinn gur dòcha gur e sin as coireach nach eil sinn air bruidhinn riutha mu cheanglaichean stèidhichte".

San t-seisean fianais madainn Diciadain, chaidh Donnchadh Mackison agus Stiùiriche Lìonra ChalMac, Louis de Wolff, a cheasnachadh mu cho cudromach 's a tha seirbheisean aiseig do choimhearsnachdan eileanach agus mu na planaichean a th' aca airson seirbheisean a leasachadh.

Thuirt Mgr Mackison gu bheil cùisean a' fàs nas fheàrr ach gu bheil e deatamach gun tèid bàtaichean a thogail gu cunbhalach.

"Tha soithichean ùra a' tighinn is bheir sin a-nuas aois nam bàtaichean san lìonra sa chumantas is bidh seirbheisean nas earbsaiche.

"'S e an rud as cudromaiche dhuinn gun lean sin is gun tig barrachd aiseagan ùra - mar a tha an lìonra againn tha sinn feumach air bàta ùr a h-uile bliadhna no bliadhna gu leth".

San fhianais aigesan, thuirt Louis de Wolff gum biodh buannachdan ann nan rachadh CMAL is CalMac a chur còmhla.

Thuirt Mgr de Wolff gun urrainn dhaibh co-obrachadh an-dràsta, ach gum biodh e "na b' fhasa" nam biodh aon bhuidheann ann seach a dhà.