Cothrom ùr do luchd-ealain òg na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach

Daoine a' cleachdadh rolairean airson obair-ealain a dhèanamh air bòrdTùs an deilbh, ATLAS Arts
  • Air fhoillseachadh

Tòisichidh sreath de bhùithdean-obrach do luchd-ealain òg na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach san Dàmhair.

'S e a' bhuidheann ATLAS Arts, taobh a-muigh a tha a' cur air dòigh a' phrògraim air a bheil Cruthaich agus a mhaireas bliadhna.

Bidh iad stèidhichte air an sgrìobhadh aig Raghnall MacIlleDhuibh ann am Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich eadar 1986 agus 2008 mar dhòigh tuigse nas fheàrr fhaighinn air dualchas agus dùthchas.

Bha na h-artaigealan 'Quern-dust Calender' a' toirt a-steach grunn chuspairean co-cheangailte ri cultar na Gàidhlig, nam measg na ràithean, beul-aithris, cleachdaidhean, creideamhan, bàrdachd, seinn agus obair thraidiseanta.

'S ann do dhaoine òga nas sine na 14 bliadhna de dh'aois a tha na bùithdean-obrach agus ionnsachaidh iad mun eòlas a bh' aig na Gàidheil air ràitheileachd, eic-eòlas, an àrainneachd agus dòighean-obrach traidiseanta.

Thuirt oifigear Gàidhlig ATLAS Arts, Eilidh NicCoinnich, gu bheil iad airson "cothrom a chruthachadh do dhaoine òga an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh an t-seòmair-teagaisg".

Thuirt i: "Tha sinn an dòchas gum faigh iad misneachd às na bùithdean-obrach seo ann a bhith a' cleachdadh a' chànain, ach cuideachd gun cuir iad ris an eòlas aca air a' chultar agus an àrainneachd."

'S iad an luchd-ealain Gwen NicGuaire agus Angela NicIlleBhràighe a bhios os cionn nam bùithdean-obrach.

Tha na seiseanan, air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail, an-asgaidh ach feumaidh daoine iad fhèin a chlàradh air an son.

Bidh iad air an cumail ann an Slèite agus Cille Mhoire.