Naidheachdan 09:00m
An Ucràin
Tha an Ceann-suidhe Zelensky ag ràdh gu bheil an Ruis a' dèanamh dìmeas air na Stàitean Aonaichte, às dèidh ionnsaighean mòra adhair air an Ucràin tron oidhche. Chaidh co-dhiù sianar a mharbhadh, agus tha 600,000 duine air am fàgail gun an dealan aca agus ionadan cumhachd am measg na chaidh a bhualadh. Bha Dòmhnall Trump air innse gun robh fosadh cumhachd gu bhith ann eadar an dà dhùthaich - ged a bha teagamhan mun sin bho thùs. Tha an Ucràin cuideachd ag ràdh nach d' fhuair iad na rabhaidhean as àbhaist dhaibh a bhith a' faighinn bho na Stàitean Aonaichte gun robh urchairean Ruiseanach air an t-slighe. Chaidh Washington às àicheadh gun robh iad air sguir dhen fhiosrachadh sin a thoirt seachad.
Còmhraidhean
Bidh còmhraidhean ann eadar am Prìomhaire agus Ceann-Suidhe na h-Ucràin aig Sràid Dhowning an-diugh. Tha dùil gum bi Andy Burnham agus Volodomyr Zelensky a' bruidhinn air mar is urrainn dha Breatainn an tuilleadh taic a chumail ris an Ucràin.
Bàta-iasgaich
Tha iomairt mhòr teasairginn a' dol aig muir agus bàta-iasgaich a dhìth à Leòdhas. Thuirt na maor-chladaich gun robh iad air fios fhaighinn às dèidh 9:00 a-raoir gun robh bàta-iasgaich le triùir air bòrd gun tilleadh a phort mar a bha dùil. Bha iad ag ràdh an toiseach gur ann à Barraigh a bha am bàta ach tha iad air dearbhadh gur ann à Leòdhas a tha a dhìth. Tha itealan agus dà heileacoptar le na maoir-chladaich, sgiobaidhean teasairginn air tìr, dà bhàta-teasairginn agus na poilis air a bhith an sàs sa chùis, agus coltas ann gun robh amas aca gu sònraichte air sgìre aig muir far chosta tuath Leòdhais.
Rape Crisis Ghlaschu agus Chluaidh
Tha an t-ionad as motha ann an Alba a bhios a' toirt taic do dhaoine a chaidh a èigneachadh air iarrtas a dhèanamh airson taic-airgid ann an èiginn. Tha Buidheann Rape Crisis Ghlaschu agus Chluaidh ag ràdh gur dòcha gum bi aca ri seirbheisean a ghearradh mura faigh iad an tuilleadh airgid fhaighinn dhaibh fhèin taobh a-staigh ceithir seachdainean. Bidh a' bhuidheann chathrannais a' toirt taic agus comhairle do bhoireannaich agus do chlann-nighean a tha air fòirneart feiseil fhulang.
Am Mòd
Tha farpaisean nam Bonn Òr gus tòiseachadh aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Glaschu an ceann beagan mhionaidean, cluinnidh sibh an seo iad air Radio nan Gàidheal. Thèid ro-fharpais Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich a chumail madainn an-diugh agus a' cuairt dheireannach a-nochd. Tha riaghailtean ùra ann am-bliadhna a' ciallachadh nach tèid comharran na ro-fharpais a chur ri comharran na cuairte deireannaich. Tha sin a' ciallachadh gun tèid na buinn òir a bhuannachadh air comharran na cuairte deireannaich air an oidhche a-mhàin. Bidh an aon atharrachadh ga chur an sàs cuideachd ann am Buinn Òir an t-Seann Nòis agus anns an Aigeallan Airgid.