Spòrs

Latest updates

  1. Aths troimhe an Cupa Leòdhaisair fhoillseachadh aig 09:12 TSB

    Rinn Aths adhartas ann an Cupa Mòldobha Leòdhais oidhche Luain nuair a bhuannaich iad 6-0 an aghaidh Nis.

    Chaidh Aths air thoiseach sa chiad mhionaid aig na Còig Peighinnean nuair a chuir fear de chluicheadairean Nis am ball dhan lìon aige fhèin.

    Bha cùisean an ìre mhath cofhurtail dha Aths às dèidh sin le tadhal eile ro leathach slighe is ceithir a bharrachd san dàrna leth.

    Tha aona gheama air Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt is Caol Àcainn a' cur fàilte air Loch Aillse ann an Cupa GF MhicRath.

    Tòisichidh an geama sin aig 6:30f.

  2. Abraich air ais ann an sunndair fhoillseachadh aig 09:10 TSB

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chaidh boireannaich Loch Abair suas dhan dàrna àite sa Phrìomh Lìog às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Inbhir Nis 6-0 aig Pàirc a' Bhucht Didòmhnaich.

    Bhuannaich na h-Abraich a' Phrìomh Lìog an-uiridh is thòisich iad an seusan seo gu math leis a' chùis a dhèanamh air na Sgitheanaich 1-0.

    Bhon uairsin ge-tà, tha iad air call san lìog ris na nàimhdean mòra aca Bàideanach agus chuir na Sgitheanaich an uairsin iad a-mach à Cupa ùr na Prìomh Lìge an t-seachdain sa chaidh.

    'S iad Natalie NicDhòmhnaill (3), Elaine Wink (2) is Shannon NicUilleim a fhuair na tadhail aig a' Bhucht is Loch Abar air ais ann an sunnd.

    Tha geama mòr lìge eile ann dhaibh Didòmhnaich seo tighinn is iad a' siubhal gus cluich an aghaidh Chinn Loch Seile.

    Tha Seile air an seusan a thòiseachadh gu math is trì puingean aca às an dà gheama lìge a chluich iad, a thuilleadh air adhartas a dhèanamh ann an Cupa na Prìomh Lìge.

    Bidh an geama sin ann an Rèaraig aig meadhan-là.

  3. Taghadh airson iar-chuairtean deireannach Chupa MhicThàmhaisair fhoillseachadh aig 15:11 TSB 27 An Giblean

    Tadhal airson iomain

    Bidh Ceann a' Ghiùthsaich, a tha ag amas air Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh airson a' chòigeamh turas ann an sreath, air falbh an aghaidh Lòbhat anns an iar-chuairt dheireannaich den fharpais am-bliadhna.

    Anns a' gheama eile, bidh Cabar Fèidh a' dol an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh aig Caisteal Leòid ann an Srath Pheofhair.

    'S iad Lòbhat an aona sgioba a th' air fhàgail san fharpais nach eil a' cluiche sa Phrìomh Lìig.

    Thèid na geamannan a chluich Disathairne 23mh den Chèitean.

    Bidh cuairt dheireannach Cupa MhicThàmhais aig Pàirc a' Bhucht Disathairne 13mh den Ògmhìos.

  4. Buaidh do Chounty ach fhathast aig bonn an Championshipair fhoillseachadh aig 10:23 TSB 27 An Giblean

    Cluicheadairean Ross County Akil Wright (clì) agus Ryan Duncan an dèidh a dhol 1-0 an aghaidh Morton. Tùs an deilbh, Rob Casey/SNS
    Fo-thiotal an deilbh,

    Cluicheadairean Ross County Akil Wright (clì) agus Ryan Duncan an dèidh a dhol 1-0 an aghaidh Morton.

    Fhuair Ross County a' bhuaidh a bu mhotha aca air an t-seusan seo nuair a rinn iad an gnothach air Morton 4-0 ach cha robh gu leòr an sin airson an gluasad far bonn an Championship.

    Bhuannaich Airdrie 2-1 an aghaidh Ayr United agus tha sin gan cumail-san aona phuing agus àite air thoiseach air County san lìg.

    Thuirt manaidsear Chounty Stuart Kettlewell gum feumadh iad an aona rud a dhèanamh sa gheama an aghaidh Raith Rovers, a th' ann am meadhan na lìg, Dihaoine.

    Bha Kettlewell air a dhòigh le mar a chluiche an sgioba aige - bhiodh iad air dhol sìos nam biodh iad air call.

    Chuir an cluicheadair dìon Akil Wright County air thoiseach tràth sa gheama agus chuir Jordan White ris an sin an uairsin.

    Beagan as dèidh leth-ùine chuir Noah Chilvers, nach eil ach dìreach air tilleadh dhan sgioba, County gu 3-0 mus do chuir Ryan Duncan, a th' air iasad bho Obar Dheathain, gleansa buileach air a' gheama leis a' cheathramh tadhal.

    B' e seo a' chiad uair air an t-seusan seo a bhuannaich County dà gheama ann an sreath anns an lìg. Rinn iad an gnothach air Ayr United 2-1 aig an taigh an t-seachdain seo chaidh.

    Chan eil Morton ach dà phuing air thoiseach air Airdrie san lìg agus trì puingean air thoiseach air County.

    Tha Morton is Airdrie a' cluiche a chèile aig Cappielow Dihaoine agus mar sin, tha cothrom aig gach sgioba fhathast.

  5. Ceann a' Ghiùthsaich air ghleus am Port Rìghair fhoillseachadh aig 09:31 TSB 27 An Giblean

    Pàirc nan Laoch
    Fo-thiotal an deilbh,

    Rinn Ceann a' Ghiùthsaich adhartas aig Pàirc nan Laoch

    Tha Ceann a' Ghiùthsaich fhathast le cothrom Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh còig bliadhna ann an sreath is iad am measg nan sgiobaidhean a tha troimhe dhan iar-chuairt dheireannaich.

    Chuir Dylan Borthwick Kings air thoiseach ann am Port Rìgh Disathairne is ged a fhreagair Jordan Murchison dha na Sgitheanaich san dàrna leth, chuir dà thadhal goirid às dèidh a cheile an uairsin sgioba Bhàideanach troimhe.

    Thàinig a' chiad fhear nuair a chaidh shie bho Thòmas Borthwick dhan lìon a dh'aindeoin oidhirp bho Ali Dòmhnallach stad a chur air, is an uairsin bho Chalum McLay, a tha air tòiseachadh gu math bho ghluais e gu Ceann a' Ghiùthsaich bho GMA.

    Chaidh Baile Ùr an t-Slèibh air adhart cuideachd ann an Druim na Drochaid.

    Chuir Alfie MacLeòid Gleann Urchadain air thoiseach tràth sa gheama sin ach thàinig tadhail bho Iain Robinson, Euan Dingwall is Declan Brannan gus am Baile Ùr - a tha air gach geama gu seo a bhuannachadh air an t-seusan seo - a chur troimhe.

    Bha fìor dheagh là aig Cabar Fèidh is iad a' buannachadh 2-1 an aghaidh a' Ghearasdain ann an Srath Pheofhair.

    Ged a fhuair Lachie Seathach tadhal tràth dha na h-Abraich, fhreagair Ali Taylor òg gu sgiobalta 'son Cabers.

    'S e Cameron Grannd a bhuannaich an geama dhaibh le 20 mionaid air fhàgail.

    Bha sùilean mhòran air an dàrbaidh eadar a' Mhanachainn is Lòbhat agus 's e geama teann a bh' ann.

    Air a' cheann thall 's e an seann sionnach Greg MacMhathain a chuir an tadhal a chuir Lòbhat troimhe.

    Aig deas, chuir Inbhir Aora an ceòl air feadh na fìdhle ann an Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu is iad a' soirbheachadh 6-3 an aghaidh nan seann nàimhdean aca Caol Bhòid.

    Ged a bha sgioba Thaigh na Bruaich 2-0 air thoiseach tràth, fhreagair Inbhir Aora gu làidir le tadhail bho Cholla MacAoidh (3), Friseal Watt (2) is Ruairidh Òg Greumach.

    'S e seo a' chiad turas a bha Inbhir Aora air an gnothach a dhèanamh air Caol Bhòid 'son còrr is 10 bliadhna.

    Tha geama doirbh aca san iar-chuairt dheireannaich ge-tà is Camanachd an Òbain a' feitheamh riutha.

    Tadhail gu lèor an iomain nam ban

    Sa gheama eile san iar-chuairt dheireannaich bidh Caol-Gleann, a rinn a' chùis 5-2 air Eilean Bhòid Disathairne, an aghaidh GMA.

    Ann an Lìog Tuath 2 tha na Leòdhasaich fhathast gun geama a chall.

    Chrìochnaich iad 1-1 an aghaidh Lòbhat Disathairne is tadhal bho Donnie MacRath san dàrna leth a' sàbhaladh puing dhaibh.

    Ann an iomain nam ban, dh'èirich Loch Abar dhan dàrna àite sa Phrìomh Lìog nuair a rinn iad a' chùis 6-0 air Inbhir Nis.

    Thàinig trì de na tadhail bho Natalie NicDhòmhnaill an sin.

    Thog na Sgitheanaich na ciad phuingean acasan den t-seusan le buaidh 4-2 an aghaidh GMA.

    'S iad Abby NicIlleathain (3) is Caitlin NicIlleathain a fhuair na tadhail dha na Sgitheanaich is Beth NicGilleFhialain leis na dhà do GMA.

    Deagh là eile dha na Sgitheanaich às dèidh dhaibh adhartas a dhèanamh ann an Cupa na Prìomh Lìge an t-seachdain sa chaidh.

    Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn Ceann Loch Seile a' chùis 4-0 air Gleann Urchadain.

    Thàinig na tadhail bho Lorna NicRath (2), Maura NicCoinnich is Lexi NicCoinnich.

    Tha Ceann Loch Seile ann an deagh shuidheachadh aig an ìre thràth seo den t-seusan is trì puingean aca às an dà gheama a chluich iad.

  6. ICT aona gheama air falbh bho Lìog 1 a bhuannachadhair fhoillseachadh aig 08:31 TSB 27 An Giblean

    Manaidsear Caley Thistle Inbhir Nis Scott KellacherTùs an deilbh, Paul Devlin/SNS

    Chaill Caledonian Thistle Inbhir Nis an cothrom Lìog 1 a bhuannachadh Disathairne agus iad co-ionnann ri East Fife 1-1 aig New Bayview.

    Dh' iarr am manaidsear aca Scott Kellacher an dùbhlan a tha mun coinneamh a ghabhail a-nise anns a' gheama lìge mu dheireadh den t-seusan Disathairne seo tighinn.

    Cò eile ach an leas-mhanaidsear Billy MacAoidh a fhuair an tadhal dhaibh anmoch sa gheama airson an toirt co-ionnann ri East Fife.

    Ach rinn Kellacher càineadh air mar a chluich an sgioba aige Disathairne agus e a' fàgail orra gun robh iad am falach.

    Thuirt sgiobair Chaley Thistle, Danny Devine, nach robh an t-uallach a thaobh a bhith a' buannachadh Lìg 1 air cron a dhèanamh air cinn nan cluicheadairean.

    Ma bhios iad co-ionnann no ma bhuannaicheas iad an aghaidh Hamilton Academical Disathairne, buannaichidh iad tiotal na lìg agus bidh iad a' tilleadh air ais dhan Championship.

    Tha Caley Thistle an-dràsta dà phuing air thoiseach air Stenhousemuir agus 14 tadhail nas fheàrr dheth na iad a thaobh an àireamh thadhail.

    Tha Stenhousemuir, a rinn a' chùis 1-0 air Alloa Disathairne, a' cluiche Mon Rois aig Pàirce Links.

  7. Kettlewell - "Feumaidh sinn an obair againn fhèin a dhèanamh"air fhoillseachadh aig 17:07 TSB 24 An Giblean

    Stuart KettlewellTùs an deilbh, SNS

    Thuirt manaidsear Ross County, Stuart Kettlewell, gum feum iad a bhith ag amas air na 's urrainn dhaibhsan dèanamh seach a bhith a' coimhead air sgioba sam bith eile san t-strì aca 'son fuireach san Championship.

    Cuiridh County fàilte air Morton Disathairne le sgioba Inbhir Pheofharain an-dràsda aig bonn na lìge, aon phuing air cùlaibh an Àird Rèidh a th' anns an àite playoff os an cionn.

    Bidh na Daoimein a' cluich Ayr United Disathairne, sgioba air an do rinn County a' chùis 2-1 an t-seachdain a chaidh.

    Ma bhuannaicheas an t-Àrd Rèidh is ma chailleas Ross County, tuitidh na Staggies sìos gu Lìog 1.

    "Chan urrainn dhuinn a bhith a' coimhead air sgiobaidhean eile, agus a' faireachdainn duilich dhuinn fhèin ma thèid sgòraichean nar n-aghaidh.

    "Chan urrainn dhuine ge-tà ach an obair againn fhèin a dhèanamh.

    "Dh'fhaodadh nach bi sin gu leòr ge-tà leis gu bheil An t-Àrd Rèidh puing air thoiseach oirnn is ma bhuannaicheas iadsan a h-uile geams a th' aca chan urrainn dhuinn an glacadh.

    "Ach tha mi a' smaoineachadh gun urrainn dhuinn cuideam a chur orra le bhith a' togail phuingean agus sin an aon rud air a bheil smachd againne an-dràsda," thuirt e.

  8. Ceann a' Chnuic is Cnoc Iòrdain ag amas air soirbheachasair fhoillseachadh aig 15:43 TSB 24 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha là mòr ann an rugbaidh na h-Alba Disathairne is Silver Saturday a' dol air adhart aig Murrayfield.

    Tha seachd cuairtean-deireannach ann agus tha a' chiad agus an dàrna sgioba aig boireannaich Ceann a' Chnuic agus Cnoc Iòrdain ann a dhà dhiubh.

    Chaidh Calum MacAmhlaigh a thadhal orra is fhuair e facal air Cathraiche Club Spòrs Cheann a' Chnuic, Daibhidh Byrne, agus air caiptean na ciad sgioba, Debbie Lee.

  9. Kellacher - "Cothrom rud sònraichte a dhèanamh"air fhoillseachadh aig 15:43 TSB 24 An Giblean

    Scott KellacherTùs an deilbh, SNS

    Thuirt manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis, Scott Kellacher, gu bheil an sgioba air "cothrom a thoirt dhaibh pèin rud sònraichte a dhèanamh" nuair a chluicheas iad East Fife Disathairne.

    Ma thogas ICT na trì puingean ann am Methil bidh iad cìnnteach air Lìog 1 a bhuannachadh agus air àite san Championship an ath-sheusan.

    Fiù 's mura buannaich iad ge-tà, dh'fhaodadh an lìog a bhith aca fhathast ma nì Alloa fàbhar dhaibh an aghaidh Stenhousemuir.

    'S e seo an dàrna seusan aig an sgioba san treas roinn às dèidh dhaibh tuiteam às an Championship ann an 2024.

    Goirid às dèidh sin, chaidh iad ann an rianachd is chaidh 15 puingean a thoirt bhuapa.

    Chaidh iad an uairsin a ghabhail thairis leis an fhear-gnothachais Ailean Savage, a thug an cluba a-mach à rianachd agus a chuir suidheachadh ionmhais a' chluba air bun-stèidh nas cinntiche.

    Fhuair iad air fuireach ann an Lìog 1 cuideachd agus am-bliadhna tha iad air a bhith a' strì airson an tiotail airson a' chuid-mhòr dhen t-seusan.

    "Tha e doirbh cluich fìor mhath fad an t-seusan," thuirt Kellacher.

    "Tha mi a' smaoineachadh gun do rinn sinn e airson trì chairteal dhe na geamaichean ach bha feadhainn an siud is a seo far an do leig sinn sinn fhèin sìos.

    "Ach tha na balaich a-niste air deagh chothrom a thoirt dhaibh pèin airson rud sònraichte a dhèanamh.

    "Chan eil mi a' smaoineachadh idir gu bheil a' chùis seachad ge-tà.

    "Tha dà gheam fìor mhòr air fhàgail, agus bidh sinne le fòcas air a' gheam Disathairne, mar a tha gach Disathairne," thuirt e.

    Mura buannaich ICT an aghaidh East Fife agus ma thogas Stenhousemuir na trì puingean an aghaidh Alloa, thèid an tiotal chun an là mu dheireadh dhen t-seusan.

    An là sin tha Caley Thistle aig an taigh an aghaidh Hamaltan le Stenny air falbh an aghaidh Mhon Rois.

  10. An Taobh Siar is Aths troimhe an Cupa ABCair fhoillseachadh aig 08:49 TSB 23 An Giblean

    'S ann eadar an Taobh Siar agus Athletic a bhios cuairt dheireannach Cupa ABC agus an dà sgioba air buannachadh oidhche Chiadain.

    Rinn an Taobh Siar a' chùis air a' Bhac 1-0 is an tadhal a' tighinn san dàrna leth bho Ali 'Barbhas' MacLeòid.

    'S e 5-0 a bh' ann do dh'Aths an aghaidh Chàrlabhaigh sa gheama eile.

    Ged a bha a' chiad leth uair de thìde an ìre mhath teann, ghabh sgioba Steòrnabhaigh smachd air gnothaichean an uairsin le trì tadhail ann an seachd mionaidean ro leathach slighe.

    Thàinig na tadhail sin bho Nick Hope is Harry Bray (2).

    Chuir Noah Moireasdan is Luke Moireasdan barrachd thadhal san dàrna leth is an geama a' crìochnachadh 5-0.

  11. Mac an t-Saoir: "Tha mi uaireannan a' fàs teth"air fhoillseachadh aig 15:36 TSB 22 An Giblean

    Bob Mac an t-SaoirTùs an deilbh, Getty Images

    Tha Bob Mac an t-Saoir ag ràdh gu bheil e nàdarra dha fàs crosta air an raon ghoilf uaireannan is nach eil dùil aige gun atharraich e.

    Bha beagan de chonnspaid ann aig na Masters nas tràithe air a' mhìos nuair a chuir an goilfear às an Òban aon chorrag suas às dèidh dha mearachd a dhèanamh air a' 15mh toll aig Augusta, mus do bhuail e caman gu cruaidh san talamh air an 17mh.

    Chaidh a chluintinn cuideachd a' speuradh.

    A' bruidhinn ris a' BhBC, thuirt Mac an t-Saoir gu bheil e a' feuchainn ri smachd a chumail air a nàdar, ach gu bheil e cuideachd uaireannan a' dèanamh feum dha.

    "Ma tha mi 'son a bhith a' farpais aig an ìre as àirde feumaidh mi aig amannan leigeil leis a' chaothach seach a bhith ga chumail a-staigh - oir an uairsin bheir e droch bhuaidh air a' gheama agam," thuirt Bob.

    "Tha fiosam gu bheil mi uaireannan ceàrr is tha mi a' feuchainn ri smachd a chumail air ach mar as motha a tha mi ga chumail a-staigh, 's ann as motha a bhios an spreadhadh.

    "Mar sin feumaidh mi dìreach an rud a làimhseachadh cho math 's as urrainn dhomh."

    Thogadh Mac an t-Saoir a' cluich iomain do Cheilteach an Òbain sa bhaile, spòrs far am bi aig amannan lasair no dhà ann.

    Tha e ag ràdh gu bheil sin air buaidh a thoirt air.

    "A' fàs suas bha agam ri sabaid airson a h-uile dad is uaireannan tha mi a' fàs teth.

    "Chan eil sin a' dol a dh'atharrachadh."

  12. Deagh oidhche dha Port Rìgh is Malaigair fhoillseachadh aig 08:53 TSB 22 An Giblean

    Dh'èirich Port Rìgh chun an dàrna àite ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach air sgioba ùr Loch Aillse 3-1 ann an Gleann Eilg.

    Thàinig tadhail Phort Rìgh bho Kerien Austin (2) agus Bop MacLeòid.

    Tha Malaig san treas àite is iadsan air a' chiad gheama lìge aca den t-seusan a bhuannachadh 8-2 an aghaidh Chaoil Àcainn anns a' Ghearasdan.

    'S iad Freddie Patterson (2), Connor MacFhionghain (2), Marc MacIlleathain, Cameron Muir, Sam MacCoinnich is Michael Doherty a fhuair tadhail Mhalaig.

  13. Taghadh Chupa ABCair fhoillseachadh aig 09:02 TSB 21 An Giblean

    Ball air spot

    Rinn sgioba an Rubha a' chùis 1-0 air na Hearadh air an Taibeart oidhche Luain, ged nach robh siud gu leòr dhaibh airson adhartas a dhèanamh ann an Cupa ABC.

    'S e tadhal bho Aonghas Dòmhnallach sa chiad leth a bhuannaich an geama dhan Rubha.

    Bha droch naidheachd ann dha na Rubhaich cuideachd ge-tà, is Luke MacLeòid a' dol dheth is air a ghoirteachadh goirid às dèidh dha tighinn far na beingidh.

    Bha an dà chuid an Rubha agus na Hearadh mar-thà air call 4-0 an aghaidh an Taobh Siar ann am Buidheann 3 de Chupa ABC is tha iad le chèile a' dol a-mach às an fharpais.

    Chaidh an taghadh a dhèanamh às dèidh làimh airson nan geamaichean san iar-chuairt dheireannaich.

    Thèid am Bac an aghaidh an Taobh Siar ann an Col Uarach is bidh Aths an aghaidh Chàrlabhaigh aig Pàirc Chnoc nan Gobhar.

    Bidh an dà gheama ann oidhche Chiadain aig 6:30f.

    Ron sin tha dà gheama ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt.

    Bidh Loch Aillse a' cluich Phort Rìgh ann an Gleann Eilg aig 7f agus Caol Àcainn a' cluich Mhalaig anns a' Ghearasdan aig 7:30f.

  14. Brùra ceum nas fhaisge air an SPFLair fhoillseachadh aig 14:34 TSB 20 An Giblean

    Pàirc BhrùraTùs an deilbh, SNS

    Tha Brora Rangers dìreach dà gheama air falbh bho àite san SPFL às dèidh dha tighinn am bàrr nach bi aca ach aon chuairt de gheamaichean play-off a chluich.

    Fo na riaghailtean a th' ann, bidh na sgiobaidhean a bhuannaicheas Lìog na Gàidhealtachd is Lìog na Galldachd a' cluich an aghaidh a chèile an toiseach, is an sgioba a nì a' chùis a' dol an aghaidh na sgioba a bhios aig bonn Lìog 2 san SPFL.

    Ged a bhuannaich Linlithgow Rose Lìog na Galldachd Disathairne, tha e air tighinn am follais bhon uairsin nach eil iad air na ceumannan uile a choileanadh gus Cead Umha fhaighinn.

    Dh'fheumadh iad Cead Umha airson a dhol suas dhan SPFL.

    Ann am brath madainn Diluain, thuirt an SFA gun robh sia rudan nach robh Linlithgow Rose air coileanadh is ged a dh'iarr an cluba ùine a bharrachd, nach biodh seo cothromach do Bhrùra is Edinburgh City.

    Tha seo a' ciallachadh nach bi aig Brùra ri cluich an aghaidh Linlithgow Rose idir is gun tèid iad dìreach gu dà gheama an aghaidh Edinburgh City, a tha aig bonn Lìog 2.

    Bidh na geamaichean seo ann air an 9mh is 16mh den Chèitean is Brùra aig an taigh sa chiad gheama.

  15. Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd air tòiseachadhair fhoillseachadh aig 09:23 TSB 20 An Giblean

    Cupa Amaitearach na GàidhealtachdTùs an deilbh, Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

    Tha Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd 2026 air tòiseachadh is grunn sgiobaidhean air adhartas a dhèanamh.

    Seo mar a chaidh na geamaichean aig sgiobaidhean nan Eilean Siar is sgiobaidhean Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd:

    Roinn nan Eilean Siar: Ro-chuairt

    Càrlabhagh 0 An Taobh Siar 3

    Athletic Steòrnabhaigh 4 Èirisgeigh 3

    Barraigh 4 Nis 0

    Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd: Ro-chuairt

    An Slag Buidhe 0 Malaig 3

    Graham Academicals 5 An Gearasdan 2

    Tha an taghadh airson na h-ath-chuairt an seo.

  16. Tadhail gu leòr am Bàideanachair fhoillseachadh aig 09:05 TSB 20 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Calum Dòmhnallach le sùil air ais air Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh a' Ghearasdain is Lòbhat an aghaidh Inbhir Aora

    'S iad sgiobaidhean Bhàideanach a th' aig mullach na Prìomh Lìge ann an iomain nam fear is iad air 13 tadhail a chur eatorra air an deireadh-sheachdain.

    Tha Baile Ùr an t-Slèibh leotha fhèin le 12 puing às na sia geamaichean aca.

    Rinn iad an gnothach 8-1 air Caol-Gleann Disathairne is a dhà de na tadhail a' tighinn bho Sheumas Coyle òg - is seo às dèidh dha còig tadhail a chur dhan dàrna sgioba oidhche Haoine ann an Cupa Shrath Èireann.

    Tha Ceann a' Ghiùthsaich a-nise san dàrna àite is iadsan air a' chùis a dhèanamh 5-1 air a' Ghearasdan.

    Fìor dheagh là dha Kings is coltas aig an ìre thràth seo gur e rèis eadar fuamhairean Bhàideanach a bhios againn am-bliadhna, seach blàr eadar ceithir sgiobaidhean mar a bh' ann an-uiridh.

    Anns na geamaichean eile sa Phrìomh Lìog rinn Camanachd an Òbain an gnothach 4-1 air Loch Abar is cha robh tadhal idir ann sa gheama eadar Cabar Fèidh is Ceann Loch Seile.

    Eachdraidheil

    San Lìog Nàiseanta tha Gleann Urchadain fhathast aig a' mhullach is iad air tighinn am barr 2-1 an aghaidh GMA.

    Tha Lòbhat air an tòir is iadsan air buannachadh 3-2 an aghaidh Inbhir Aora.

    'S e tadhal bho Mharc MacLachainn anns na mionaidean mu dheireadh a chum na puingean ann an Cill Taraglain ann an geama anns nach robh ach glè bheag eadar na sgiobaidhean.

    Sìos an rathad 's e 3-2 a bh' ann cuideachd dhan Mhanachainn an aghaidh Chill Mhàilidh.

    Ann an iomain nam ban 's e deireadh-seachdain car eachdraidheil a bh' ann is Cupa ùr na Prìomh Lìge a' tòiseachadh le dusan cluicheadair air gach sgioba.

    Tha e coltach gun do chòrd an cruth ùr ris na Sgitheanaich is iadsan air Loch Abar a chur a-mach 2-0 ann am Port Rìgh, na tadhail a' tighinn bho Chaitlin NicIllEathain is Sarah Yoxon.

    'S e 2-0 a bh' ann cuideachd do Cheann Loch Seile an aghaidh GMA is Maura NicCoinnich is Lorna NicRath air an targaid.

    Sa Phrìomh Lìog rinn Bàideanach a' chùis air Inbhir Nis 2-0 is Hope Borthwick leis an dà thadal.

  17. Dòchas mòr aig Amy ann am power-lioftadh air fhoillseachadh aig 17:53 TSB 17 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    spors

    Cha bhi power-lioftadh aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu as t-samhradh - ged a bhios para power-lioftadh agus togail chuideaman ann.

    Ach chan eil sin a' cur dragh air Amy Craig ann an Glaschu is i beò an dòchas gum faigh i gu Championships Bhreatainn aig deireadh na bliadhn. Chaidh Javen Houston a choinneachadh rithe.

  18. Spòrscast - Marion NicCorcadailair fhoillseachadh aig 15:23 TSB 16 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Eileen NicDhòmhnaill a' còmhradh ri Marion NicCorcadail mu Gheamannan nan Eilean, agus mar a lean i le spòrs na h-obrach làitheil mar physiotherapist. Tha i cuideachd a' bruidhinn air mar a tha e a' còrdadh rithe taic a thoirt do sgioba ball-coise Chlach na Cùdainn aig an deireadh-sheachdain mar physio, am measg nan cur-seachadan spòrs eile a th' aice.

  19. Am Bac agus Athletic Steòrnabhaigh troimhe ann an Cupa ABCair fhoillseachadh aig 14:42 TSB 16 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Am Bac agus Athletic Steòrnabhaigh troimhe gu iar-chuairtean deireannach Cupa ABC às dèidh don dà sgioba buannachadh an dàrna geama aca san fharpais a-raoir. Bhuannaich Aths 6 gu 0 an aghaidh nan Lochan ach bha geama nas fhaisge aig a' Bhac an aghaidh Càrlabhaigh aig Col Uarach is cùisean a' crìochnachadh 3 gu 2.

  20. Caley Thistle air ais aig mullach Lìog 1air fhoillseachadh aig 15:02 TSB 15 An Giblean

    Alfie Stiùbhart
    Fo-thiotal an deilbh,

    Fhuair Alfie Stiùbhart a' chiad tadhal do ICT le breab-saor sgoinneil bho 25 slat

    Ghluais Caley Thistle Inbhir Nis air ais gu mullach Lìog 1 às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Ceann Phàdraig, 2-0, oidhche Mhàirt.

    Fhuair Alfie Stiùbhart a' chiad tadhal do ICT le breab-saor iongantach bho 25 slat.

    Thàinig an dàrna tadhal às dèidh deagh chluich bho Alfie Bavidge sìos na làimhe deise, is e cur bàlla math tarsainn aghaidh an tadhail airson Chanka Zimba a' stobadh a-steach.

    Bha grunn chothroman eile aig ICT a bhiodh air an oidhche a dhèanamh na bu chomhfhurtaile buileach, ach bha an dà thadhal gu leòr airson na trì puingean a thogail.

    Tha sin gam fàgail a-niste puing air thoiseach air Stenhousemuir aig mullach Lìog 1 le trì geamaichean aig gach sgioba ri chluich.

    Cluichidh ICT an aghaidh Kelty Hearts aig an taigh san ath gheama aca Disathairne, le Stenny a' siubhal a chluich Cove Rangers.

  21. An Taobh Siar a' buannachadh 4-0 sa chupa a-rithistair fhoillseachadh aig 13:26 TSB 14 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    B' e deagh-oidhche a bh' ann don Taobh Siar oidhche Luain is iad a' buannachadh an dàrna geama aca de Chupa ABC an aghaidh an Rubha.

    Thàinig iad am bàrr 4-0 le geama làn thadhail sònraichte ann an Garrabost.

    Leanaidh an fharpais a-rithist Diciadain le trì geamaichean eile.

    Cuiridh Athletic Steòrnabhaigh, a rinn a' chùis air Nis 4-0 an t-seachdain sa chaidh, fàilte air na Lochan.

    Bhuannaich am Bac 4-0 cuideachd sa chiad gheama acasan an aghaidh United Steòrnabhaigh - thèid iadsan an aghaidh Càrlabhagh aig Col Uarach.

    Às dèidh don Hearadh call 4-0 an aghaidh nan Siarach oidhche Haoine, bidh iad airson na ciad trì puingean aca sa chupa fhaighinn an aghaidh nan Rubhach air an Tairbeart.

  22. Cupa ABC ann an Lèodhas agus na Hearadh a' leantainnair fhoillseachadh aig 12:42 TSB 13 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Leanaidh cùisean orra a-nochd ann an Cupa ABC le trì geamaichean gan cluiche.

    Cuiridh na Lochan fàilte air Nis, tha Càrlabhagh aig an taigh an aghaidh United Steòrnabhaigh agus ann an Garrabost, cluichidh an Rubha an aghaidh an Taobh Siar.

    Thòisich cùisean san fharpais oidhche Haoine agus am measg nan geamaichean chuir na Siaraich ceithir tadhail gun fhreagairt an aghaidh na Hearadh.

    Fhuair Luke MacAoidh a' chiad tadhal anmoch sa chiad leth às dèidh bàlla fada suas na pàirce, mus do chuir Cailean MacRàth an dàrna fear mu dheich mionaidean a-steach dhan dàrna leth.

    Nochd Luke MacAoidh a-rithist am meadhan a' bhogsa gus an sgioba aige a chur 3-0 air thoiseach mus do chuir Ross Dòmhnallach am bàlla dhan lìon gu sgiobalta le deich mionaidean air fhàgail sa gheama.

  23. Brùra a' togail Lìog na Gàidhealtachd uair eileair fhoillseachadh aig 12:13 TSB 13 An Giblean

    Thog Brora Rangers tiotal Lìog na Gàidhealtachd airson na dàrna bliadhna ann an sreath às dèidh feasgar iongantach Disathairne.

    A' tòiseachadh an là co-ionnann le Brechin City air puingean, cha d' fhuair Brùra ach puing an aghaidh Hunndaidh, is Shane Sutherland gam faighinn co-ionnann ann an ùine a bharrachd aig deireadh a' gheama.

    Ach bha sin gu leòr dhaibh air a' cheann thall leis gun tug Turra droinneadh do Bhrechin, 4-1.

    B' e seo an dàrna bliadhna ann an sreath a bha Brùra agus Brechin co-ionnann aig a' mhullach a' dol a-steach dhan là mu dheireadh dhen t-seusan, le na Cataich a' tighinn am bàrr an-uiridh air sgaradh-thadhail.

    Bha coltas ann gun tachradh a leithid a-rithist am-bliadhna ach bha an tadhal aig Sutherland a' ciallachadh gun do chrìochnaich Brùra puing air thoiseach.

    Cluichidh Brùra a-nis play-off an aghaidh na sgioba a thogas Lìog na Galltachd.

    Aig an ìre seo tha sin eadar Gleann Iucha agus Bruach Chluaidh le cothrom fìor bheag aig Bonnyrigg Rose.

    Ghluais Gleann Iucha gu mullach na lìoga sin às dèidh a' chuis a' dhèanamh air Bruach Chluaidh 4-1 air an deireadh-sheachdain.

    Bidh an sgioba a thig às a' phlay-off an aghaidh Edinburgh City às dèidh dhaibh crìochnachadh aig bonn Lìog 2.