Ceann a' Ghiùthsaich air ghleus am Port Rìgh

Rinn Ceann a' Ghiùthsaich adhartas aig Pàirc nan Laoch
- Air fhoillseachadh
Tha Ceann a' Ghiùthsaich fhathast le cothrom Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh còig bliadhna ann an sreath is iad am measg nan sgiobaidhean a tha troimhe dhan iar-chuairt dheireannaich.
Chuir Dylan Borthwick Kings air thoiseach ann am Port Rìgh Disathairne is ged a fhreagair Jordan Murchison dha na Sgitheanaich san dàrna leth, chuir dà thadhal goirid às dèidh a cheile an uairsin sgioba Bhàideanach troimhe.
Thàinig a' chiad fhear nuair a chaidh shie bho Thòmas Borthwick dhan lìon a dh'aindeoin oidhirp bho Ali Dòmhnallach stad a chur air, is an uairsin bho Chalum McLay, a tha air tòiseachadh gu math bho ghluais e gu Ceann a' Ghiùthsaich bho GMA.
Chaidh Baile Ùr an t-Slèibh air adhart cuideachd ann an Druim na Drochaid.
Chuir Alfie MacLeòid Gleann Urchadain air thoiseach tràth sa gheama sin ach thàinig tadhail bho Iain Robinson, Euan Dingwall is Declan Brannan gus am Baile Ùr - a tha air gach geama gu seo a bhuannachadh air an t-seusan seo - a chur troimhe.
Bha fìor dheagh là aig Cabar Fèidh is iad a' buannachadh 2-1 an aghaidh a' Ghearasdain ann an Srath Pheofhair.
Ged a fhuair Lachie Seathach tadhal tràth dha na h-Abraich, fhreagair Ali Taylor òg gu sgiobalta 'son Cabers.
'S e Cameron Grannd a bhuannaich an geama dhaibh le 20 mionaid air fhàgail.
Bha sùilean mhòran air an dàrbaidh eadar a' Mhanachainn is Lòbhat agus 's e geama teann a bh' ann.
Air a' cheann thall 's e an seann sionnach Greg MacMhathain a chuir an tadhal a chuir Lòbhat troimhe.
Aig deas, chuir Inbhir Aora an ceòl air feadh na fìdhle ann an Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu is iad a' soirbheachadh 6-3 an aghaidh nan seann nàimhdean aca Caol Bhòid.
Ged a bha sgioba Thaigh na Bruaich 2-0 air thoiseach tràth, fhreagair Inbhir Aora gu làidir le tadhail bho Cholla MacAoidh (3), Friseal Watt (2) is Ruairidh Òg Greumach.
'S e seo a' chiad turas a bha Inbhir Aora air an gnothach a dhèanamh air Caol Bhòid 'son còrr is 10 bliadhna.
Tha geama doirbh aca san iar-chuairt dheireannaich ge-tà is Camanachd an Òbain a' feitheamh riutha.
Tadhail gu lèor an iomain nam ban
Sa gheama eile san iar-chuairt dheireannaich bidh Caol-Gleann, a rinn a' chùis 5-2 air Eilean Bhòid Disathairne, an aghaidh GMA.
Ann an Lìog Tuath 2 tha na Leòdhasaich fhathast gun geama a chall.
Chrìochnaich iad 1-1 an aghaidh Lòbhat Disathairne is tadhal bho Donnie MacRath san dàrna leth a' sàbhaladh puing dhaibh.
Ann an iomain nam ban, dh'èirich Loch Abar dhan dàrna àite sa Phrìomh Lìog nuair a rinn iad a' chùis 6-0 air Inbhir Nis.
Thàinig trì de na tadhail bho Natalie NicDhòmhnaill an sin.
Thog na Sgitheanaich na ciad phuingean acasan den t-seusan le buaidh 4-2 an aghaidh GMA.
'S iad Abby NicIlleathain (3) is Caitlin NicIlleathain a fhuair na tadhail dha na Sgitheanaich is Beth NicGilleFhialain leis na dhà do GMA.
Deagh là eile dha na Sgitheanaich às dèidh dhaibh adhartas a dhèanamh ann an Cupa na Prìomh Lìge an t-seachdain sa chaidh.
Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn Ceann Loch Seile a' chùis 4-0 air Gleann Urchadain.
Thàinig na tadhail bho Lorna NicRath (2), Maura NicCoinnich is Lexi NicCoinnich.
Tha Ceann Loch Seile ann an deagh shuidheachadh aig an ìre thràth seo den t-seusan is trì puingean aca às an dà gheama a chluich iad.