Kettlewell - "Feumaidh sinn an obair againn fhèin a dhèanamh"air fhoillseachadh aig 17:07 TSB 24 An Giblean
Tùs an deilbh, SNSThuirt manaidsear Ross County, Stuart Kettlewell, gum feum iad a bhith ag amas air na 's urrainn dhaibhsan dèanamh seach a bhith a' coimhead air sgioba sam bith eile san t-strì aca 'son fuireach san Championship.
Cuiridh County fàilte air Morton Disathairne le sgioba Inbhir Pheofharain an-dràsda aig bonn na lìge, aon phuing air cùlaibh an Àird Rèidh a th' anns an àite playoff os an cionn.
Bidh na Daoimein a' cluich Ayr United Disathairne, sgioba air an do rinn County a' chùis 2-1 an t-seachdain a chaidh.
Ma bhuannaicheas an t-Àrd Rèidh is ma chailleas Ross County, tuitidh na Staggies sìos gu Lìog 1.
"Chan urrainn dhuinn a bhith a' coimhead air sgiobaidhean eile, agus a' faireachdainn duilich dhuinn fhèin ma thèid sgòraichean nar n-aghaidh.
"Chan urrainn dhuine ge-tà ach an obair againn fhèin a dhèanamh.
"Dh'fhaodadh nach bi sin gu leòr ge-tà leis gu bheil An t-Àrd Rèidh puing air thoiseach oirnn is ma bhuannaicheas iadsan a h-uile geams a th' aca chan urrainn dhuinn an glacadh.
"Ach tha mi a' smaoineachadh gun urrainn dhuinn cuideam a chur orra le bhith a' togail phuingean agus sin an aon rud air a bheil smachd againne an-dràsda," thuirt e.












