Cothrom na Fèinne dha cluicheadairean òga na h-Alba?

Tha Calum MacFhearghais air beatha a dhèanamh dha fhèin ann am ball-coise ach tha e ag ràdh nach eil slighe ann do chluicheadairean òga ann an Alba
- Air fhoillseachadh
"Bidh thu dìreach a' tuiteam air falbh bhon gheama agus bidh do bheatha ag atharrachadh ann am priobadh na sùla."
Sin beachd Chaluim MhicFhearghais mun ghealltanas a fhuair e mun t-slighe bho acadamaidhean òigridh chun na ciad sgioba ann am ball-coise na h-Alba.
Gealltanas a tha Calum a' creidsinn a tha mar as trice fuadan.
Chluich MacFhearghais corra gheama mar bhalach òg dha Caley Thistle sa Phrìomh Lìog.
Tha e a-nise ag obair mar oifigear leasachaidh aig Alba FA, buidheann a chaidh a stèidheachadh 'son Gàidhlig fhàs tro bhall-coise coimhearsnachd. Tha e ag radh gu bheil e nas toilichte na bha e a-riamh sa gheama phroifiseanta.
Tha e gu làidir den bheachd nach eil òigridh idir a' faighinn cothrom mar a bu chòir ann an Alba.
"Tha pàrantan a' creidsinn gu bheil am balach no nighean aca a' dol a dh'fhaighinn chun na ciad sgioba 's gum bi iad nan rionnag ann am ball-coise.
"Chan e an fhìrinn a tha sin idir."

Calum MacFhearghais a' cluich do dh'Inbhir Nis mar chluicheadair òg
Chruinnich an 42 sgioba ann an Lìog Ball-Coise Proifeiseanta na h-Alba (SPFL) ann an Cill Rìmhinn san t-Sultain 'son bruidhinn air slighean nas fheàrr a chruthachadh dha cluicheadairean òga.
Seo molaidhean an SFA:
Feumaidh dithis as urrainn cluich do dh'Alba aig ìre Fo 21 tòiseachadh do gach sgioba sa h-uile geama an Cupa na h-Alba is Cupa na Lìge, le fear dhiubh air a' phàirc fad na h-ùine
Gum bu chòir do chlubaichean cluicheadairean as urrainn cluich do dh'Alba aig ìre Fo 21 a chluich 'son 60 mionaidean sa chumantas ann an gach geama ann an lìogan na h-Alba
Chaidh bhòt mu na molaidhean a thaobh Chupa na h-Alba a ghluasad bhon Dàmhair chun na Dùbhlachd.
Bu chòir bhòt a thaobh gheamaichean lìge is Cupa na Lìge tachairt aig AGM an SPFL air a' mhìos seo, is feumaidh 11 às na 12 sgiobaidhean sa Phrìomh Lìog bhòtadh air an son 'son an cur troimhe.

Tha Craig McLeish 'son cothrom a thoirt do chluicheadairean òga aig St Mirren
Thòisich Craig McLeish mar mhanaidsear eadar-amail air St Mirren sa Mhàrt mus d' fhuair e cùmhnant làn-ùine as t-samhradh.
Mun àm a bhruidhinn Eòrpa ris anns an t-Sultain, bha sianar bho acadamaidh St Mirren air cluich dhan chiad sgioba airson a' chiad turas.
Mar fhear a bha ag obair ann am ball-coise acadamaidh fad bhliadhnaichean e fhèin, tha e ag ràdh gum feum e a-nise cothrom a thoirt dhan òigridh.
Tha McLeish, 36, den bheachd nach eil molaidhean an SFA a' dol fada gu leòr.
Cluinnear tric gu bheil leisg air manaidsearan òigridh a chluich oir gum bi iad nas dualtaiche geamanan a chall agus an dreuchdan a chur ann an cunnart.
Chan eil sin a' cur dragh air Craig.
"Tha earbsa agam annta. Tha mi cuideachd a' tuigsinn an t-suidheachaidh anns a bheil mi - tha cùmhnant fada agam ach tha fios agam gun urrainn cùisean atharrachadh a rèir mar a tha a' dol dhan sgioba.
"Chan eil eagal orm mun sin."

Tha Nicklas Fuglestad am measg chluicheadairean òga a tha a' tighinn troimhe ann an Nirribhidh
Sheall figearan bhon cho-labhairt an Cill Rìmhinn gu bheil Alba air dheireadh air dùthchannan eile a thaobh chothroman do chluicheadairean òga sa Phrìomh Lìog.
Chan eil ach 4.1% de mhionaidean san lìog a' dol gu cluicheadairean à Alba Fo 21.
San Danmhairg, tha an àireamh sin aig 15.1%.
Rugadh 28% de na cluicheadairean a thòisich geama air a' chiad là den t-seusan ùr ann am Prìomh Lìog na h-Alba ann an Alba. Sin an taca ri 72% ann an Nirribhidh.
San dùthaich sin, feumaidh 16 cluicheadairean anns gach sguad a bhith à Nirribhidh fhèin.
Air an t-seusan a chaidh, ghlèidh Viking FK am Prìomh Lìog airson a' chiad turas ann an 34 bliadhna.
Thàinig sin às dèidh fòcas mòr a chur air cluicheadairean òga a thoirt air adhart.
Nam measg tha Nicklas Fuglestad, 20, fear às an sgìre fhèin.
"Tha a h-uile duine air a bheil mi eòlach toilichte le mar a tha Lìog Nirribhidh a' ruith le smachd air cluicheadairean bho thall-thairis.
"Tha e ga fhàgail beagan nas fhasa dha cluicheadair òg gluasad an-àirde bhon acadamaidh gu ball-coise sa Phrìomh Lìog.
Is tha coltas ann gu bheil e ag obrachadh. Thòisich ochdnar Nirribheach dha Viking sa chiad gheama aca san Champions League air an t-seusan seo.

Tha Håkon Grøttland a' togail air goireasan, coidseadh is ceanglaichean eadar ball-coise aig ìre na coimhearsnachd is àrd-ìre
Dh'fhaodar a ràdh gu bheil ginealach òir aig Nirribhidh an-dràsta.
Tha dà chluba aca san Champions League is ràinig an sgioba nàiseanta a' chairteal chuairt dheireannach de Chupa na Cruinne.
Tha feadhainn aig àrd-ìre ann am ball-coise na dùthcha ag ràdh nach e a-mhàin riaghailtean ùra a bu choireach.
"Bha e stèidhichte air dà chruth-atharrachadh ann am ball-coise Nirribheach," thuirt Håkon Grøttland, a tha os cionn leasachadh chluicheadairean san dùthaich.
B' àbhaist gur e spòrs samhraidh a bh' ann am ball-coise ann an Nirribhidh ach air sgàth phàircean plastaig, 's urrainn dhaibh a-niste cluiche fad na bliadhna.
Eadar 2016 agus 2025, chaidh 539 dhiubh a thogail agus 586 eile ath-leasachadh.
Tha cha mhòr a h-uile pàirc fosgailte agus an asgaidh a chleachdadh.
Bha an dàrna leasachadh stèidhichte air coidseadh.
"Eadar 2010 agus 2020 chaidh an t-uabhas de choidsichean fhastadh agus chruthaich sinn siostaman-tàlant a tha a' ceangal ball-coise aig ìre coimhearsnachd agus an ìre as àirde," thuirt Håkon.
Chaidh an siostam a stèidheachadh ann an 2013 an dèidh dha faileachdainn air Nirribhidh faighinn gu Euro 2012.
Thàinig 11 às a' 15 dhen fheadhainn a rinn a' chùis 'son Nirribhidh air Braisil aig Cupa na Cruinne as t-samhradh tron t-siostam.
Eòrpa: Dèanta ann an Alba
Calum MacIllinnein a’ rannsachadh phlanaichean 'son barrachd chothroman a chruthachadh do chluicheadairean òga am ball-coise na h-Alba.
Eil leasanan an seo do dh'Alba?
Cha bhi an t-Arm Tartain airson feitheamh 28 bliadhna eile mus till fir na h-Alba gu Cupa na Cruinne.
Fhuair feadhainn an leithid Andrew Robertson, John McGinn agus Ryan Christie cothroman ceart ann am Prìomh Lìog na h-Alba mus do ghluais iad air adhart.
'S urrainn dha Prìomh Lìog na h-Alba a bhith tarraingeach.
Bha sin follaiseach air an t-seusan a chaidh agus aire an t-sluaigh air an rèis 'son an tiotail.
Tha e an urra ris na clubaichean a-nis ge-tà, a bheil iad airson 's gum bi an lìog nas Albannaiche is le cothrom nas fheàrr dha cluicheadairean òga às an dùthaich fhèin.