Tog - buidheann ùr ag amas air fàs eaconamach an sgìrean na Gàidhlig

- Air fhoillseachadh
Tha buidheann ùr ga stèidheachadh airson fàs eaconamach a bhrosnachadh ann an sgìrean Gàidhlig ann an Alba.
Bheir a' bhuidheann-ghnìomha Tog còmhla buidhnean poblach, ùghdarrasan ionadail agus ceannardan gnothachais agus bithear ag amas air dèanamh cinnteach gun tig buannachdan eaconamach ceart an cois maoineachadh sam bith don chànan.
Bidh fòcas air a bhith a' cruthachadh chosnaidhean agus a' feuchainn ri fàs a neartachadh ann an sgìrean far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn gu traidiseanta.
Bheir Tog cuideachadh do ghnothachasan gu practaigeach ann a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig anns an obair aca.
Bidh taic ann gu dhaoine aig na bheil na gnothachasan aca fhèin agus bithear a' dèanamh cinnteach gu bheil airgead sam bith don chànan a' targaideachadh buannachdan do dh'eaconamaidhean ionadail.
Fàs
Tha Tog a' dol an àite na Buidhne-obrach air Cothroman Eaconamach is Sòisealta airson na Gàidhlig, taobh a-muigh agus Iomairt Luathadh Adhartais an riaghaltais le fòcas as ùr air fàs anns an eaconamaidh.
Se aithris-rùin na buidhne ùir: "A' togail cànan, A' togail cosnadh, A' togail choimhearsnachdan".
Tha Achd nan Cànanan Albannach 2025, taobh a-muigh a' toirt cothrom do dh' ùghdarrasan ionadail "Sgìrean Cànain Sònraichte" a stèidheachadh ann an sgìrean far an robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn bho thùs.
Tha an Riaghaltas ag ràdh gun toir iad taic do na sgìrean sin airson cothroman eaconamach agus sòisealta a leasachadh a chuidicheas le fàs na Gàidhlig, aon uair agus gun tèid na sgìrean a chomharrachadh.
Tha Riaghaltas na h-Alba air £30m a chur ma seach airson iomairtean gus an cànan fhàs ann an 2025-26.

Thuirt Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis:
"Bidh Tog ag obair ann an dòigh ùr - a chuireas obraichean agus saoibhreas ionadail aig cridhe mar a tha sinn a' taiceachadh na Gàidhlig. Le bhith ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus coimhearsnachdan, faodaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil buannachdan cearta a' tighinn an cois maoineachadh agus gun cuidich sin le bhith a' cruthachadh chothromaan an cois a' chànain do na ginealaichean ri thighinn."
Thuirt Dòmhnall MacÌomhair, a th' air buidheann Tog, agus a tha a' ruith na companaidh bathar-bog MindGenius:
"Tha Gàidhlig air aon de na neartan eaconamach as motha a th' againn ach nach eilear a' cleachdadh san dòigh sin. Nuair a chuireas sinn ar cànan, cultar agus eachdraidh aig teis-meadhan sgilean, iomairt agus leasachadh coimhearsnachd, tha sinn a' fosgladh dhorsan gu cothroman gu tur ùr."
Poileasaidh Gàidhlig: Feumar coimhead ri gnothaichean sòisealta is eaconamach
- Air fhoillseachadh22 An t-Samhain 2024
Fàilte air aithisg mu leasachadh eaconomaidh na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh21 An t-Ògmhios 2023
Thuirt Mgr MacÌomhair cuideachd gum faod Gàidhlig a bhith na pàirt chudromach de shaoibhreas ann an coimhearsnachdan dùthchail: "Tha Tog a' toirt cothrom dhuinn ar dualchas a chleachdadh airson gnìomhachasan ùra, dreuchdan ùra agus miseachd ath-nuadhachadh anns na h-àiteachan a tha nan dachannan dhuinn."
A thuilleadh air riochdairean bhon roinn phrìobhaidich, tha na leanas nam buill air Tog:
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bòid
Bòrd na Gàidhlig
Comhairle nan Eilean Siar
Comann nam Pàrant
Alba Chruthachail
Coimisean na Croitearachd
Comhairle Baile Dhùn Èideann
Foghlam Alba
Comhairle Baile Ghlaschu
Comhairle Coitcheann Teagasg na h-Alba
Comhairle na Gàidhealtachd
Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean
Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba
MG ALBA
Leabharlannan Nàiseanta na h-Alba
Comhairle Pheairt is Cheann Rois
Comhairle Siorrachd Lainnrig a Tuath
Leasachadh Sgilean Alba
Comhairle Maoineachaidh Alba
Teisteanasan Alba
Riaghaltas na h-Alba
NàdarAlba
VisitScotland
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh31 An t-Iuchar 2025

