Comhairlichean air aontachadh cur an aghaidh Spiorad na Mara

Làrach Spiorad na Mara
  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich Bòrd Dealbhachaidh Comhairle nan Eilean Siar cur an aghaidh phlanaichean airson leasachadh connspaideach Spiorad na Mara a thogail far chosta siar Eilean Leòdhais.

'S ann aig Riaghaltas na h-Alba a bhios an co-dhùnadh air an leasachadh aig muir a tha san amharc aig a' chompanaidh Northland Power.

Tha a' chompanaidh a' sùileachadh eadar 44 crann cho àrd ri 338.4m, no 60 crann cho àrd ri 293.8m a thogail san leasachadh air a bheil iad a' gabhail Spiorad na Mara.

Bhiodh an crann as fhaisge co-dhiù sia cilemeatair air falbh bhon chosta.

Feumaidh Comhairle nan Eilean Siar am beachd air na planaichean a chur gu Riaghaltas na h-Alba.

Bha oifigich an ùghdarrais ionadail air aithisg, taobh a-muigh ullachadh anns an robh iadsan a' moladh cur an aghaidh an leasachaidh.

San aithisg, bha na h-oifigich air dragh mòr a thogail mu na planaichean agus mun Aithisg Measadh Buaidh Àrainneachdail, taobh a-muigh, (EIA) a tha an cois an iarrtais-dealbhachaidh.

Thuirt iad gum faodadh làrach an leasachaidh droch bhuaidh a thoirt air iasgach, turasachd, is sàbhailteachd bhàtaichean.

Tha iad ag ràdh gum biodh a' bhuaidh air coltas an àite aig muir is tìr is air dualchas cho mòr is nach bu chòir gabhail ris an làraich.

Tha na h-oifigich cuideachd a' cumail a-mach gu bheil laigsean mòra san EIA a thaobh mar a chaidh measadh a dhèanamh air buaidh nam planaichean air grunn roinnean.

Cho-dhùin iad gum biodh an droch bhuaidh nas motha na buannachdan sam bith a thaobh cumhachd ath-nuadhachail agus atharrachadh na gnàth-shìde

Aig a' choinneimh aca Diciadain, chuir Bòrd Dealbhachaidh Comhairle nan Eilean Siar taic ri aithisg nan oifigeach.

Thèid an gnothach a-nise air beulaibh na làn-chomhairle Diardaoin.

Nuair a chaidh aithisg nan oifigeach fhoillseachadh an t-seachdain seo chaidh, thuirt Northland Power: "Cha bhiodh e iomchaidh dhuinn beachd a thoirt air na tha anns an aithisg mus faigh comhairlichean cothrom meòrachadh orra agus co-dhùnadh a ruighinn tron phròiseas phlanaidh fhoirmeil aig a' Chomhairle.

"Tha urram againn dha àite na Comhairle agus nam ball sa phròiseas agus beachdachaidh sinn air beachdan no co-dhùnaidhean sam bith a thig às a' choinneimh nuair a tha e seachad.

"Tha am fòcas againn fhathast air pròiseact a chur air adhart a tha a' cur taic ris a' ghluasad gu cumhachd uaine fhad 's a tha e aig an dearbh àm a' toirt bhuannachdan do dh'Eilean Leòdhais agus an sgìre nas fharsainge."

Aig an dearbh àm, thuirt feadhainn a tha air a bhith ag iomairt nam planaichean fàilte air an aithisg.

Thuirt a' bhuidheann Eilean Mo Ghaoil gun dèanadh na crainn a tha san amharc "fìor chron nach gabhadh lùghdachadh, air cruth na tìre, seallaidhean mara agus an dualchas againn."

Rinn Northland Power tagradh oifigeil nas tràithe air a' mhìos airson cead-dealbhachaidh airson bun-structair air tìr mar phàirt den leasachadh.

Tha an co-dhùnadh a thaobh sin ann an làmhan Comhairle nan Eilean Siar fhèin.