Taic do choimhearsnachdan sealbh fhaighinn air fearann is togalaichean

- Air fhoillseachadh
Gheibh coimhearsnachdan air feadh na h-Alba, Sasainn agus a' Chuimrigh buannachd à pròiseact ùr fiach £4.25m airson an cuideachadh le bhith a' ceannach fearainn agus thogalaichean sna sgìrean aca.
'S e Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a tha a' stiùireadh a' phròiseict, a bhios air a lìbhrigeadh ann an compàirteachas le buidhnean eile. Thig an t-airgead bho Mhaoin Choimhearsnachd a' Chrannchuir Nàiseanta thairis air còig bliadhna.
Cha bhi an t-airgead sin ri fhaotainn airson a chosg air fearann agus togalaichean ach bidh e na thaic do choimhearsnachdan ann a bhith a' leasachadh phlanaichean gnothachais agus pròiseactan seasmhach airson teachd a-steach a chruthachadh.

Norrie MacIllfhinnein, bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba
A rèir Norrie MhicIllfhinnein, bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba, bheir am pròiseact cothrom do choimhearsnachdan comhairle agus taic fhaighinn gus gluasad a dh' ionnsaigh sealbh fhaighinn air fearann is eile.
Thuirt e: "Tron phròiseact, gheibh daoine stiùireadh agus taic le iarrtasan maoineachaidh. Tha seo cudromach agus chan eil e an-còmhnaidh soilleir do dhaoine mar a nì iad an leithid."
"Tha Alba gu ìre air a bhith air thoiseach air chàch a thaobh sealbh fearainn. Ach bheir seo cothrom do dh'Alba ionnsachadh bho na tha ga dhèanamh anns a' Chruimrigh 's ann an Sasainn."
"Le bhith a' roinn eòlais mar sin, bidh iomairtean choimhearsnachdan airson fearann a cheannach air feadh na Rìoghachd Aonaichte air an neartachadh."
Thathas an dòchas còrr is 100 coimhearsnachd a chuideachadh le dùil gun dèan co-dhiù 50 adhartas mòr a dh'ionnsaigh an amasan.