Leasachadh £8.25m aig Ionad Muinntir Innse Gall air tòiseachadh

Buill Bhòrd Urras Dualchais an Taobh Tuath: (bhon chlì) Anndra Fletcher, Coinneach MacLeòid, Bill Lawson, Màiri NicCuthais agus Rebecca Hutton
- Air fhoillseachadh
Chaidh cuirm a chumail aig Ionad-tadhail Muinntir Innse Gall san Taobh Tuath a' comharrachadh toiseach a' phròiseict leasachaidh aca luach £8.25m.
Fhuair Bill Lawson, a stèidhich an tasglann sloinntearachd, taobh a-muigh, an t-urram a' chiad cheap a ghearradh.
Bidh an obair leasachaidh a' ciallachadh gum bi an cruinneachadh stèidhichte air beul-aithris agus clàraidhean sgrìobhte air a ghlèidheadh airson nan ginealaichean ri thighinn.
Bidh rùmanan taisbeanaidh a bharrachd ann, goireasan rannsachaidh nas fheàrr agus cafaidh don luchd-tadhail a thig bho air feadh an t-saoghail.
Ionad Muinntir Innse Gall sna Hearadh a' faighinn £8.25m
- Air fhoillseachadh17 An Lùnastal
Geug ùr do chraoibh-theaghlaich Seallam
- Air fhoillseachadh15 Am Màrt 2024
Chaidh an t-ionad fhosgladh le Bill Lawson agus a bhean, Chrissie, ann an 2000.
Tha e an-diugh air a ruith le Urras Dualchais an Taobh Tuath.
'S ann bho cheithir diofar luchd-maoineachaidh a thàinig am maoineachadh airson a leasachadh:
£4.34m bho Aonta Fàs nan Eilean
£1.85m bho Mhaoin Chalpa an Ath-bheòthachaidh
£1.21m bho Mhaoin Dhualchais a' Chrannchuir Nàiseanta
£850,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Tha dùil gum fosgail an t-ionad às ùr sa Ghiblean 2028.