Bhàsaich dàrna leth a' bhradain aig làrach Bakkafrost an Leòdhas

Bradain a' snàmh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Bakkafrost ag ràdh gur e fionnagan bho chompanaidh eile a dh'adhbharaich na trioblaidean slàinte

  • Air fhoillseachadh

Dhearbh a' chompanaidh bhradan Bakkafrost Scotland gun do chaill iad 48.2% den iasg aca sa chuairt-àraich mu dheireadh aig an tuathanas Fuaigh Mòr ann an Loch Ròg an Leòdhas.

Dh'fhàg na thachair gun do dh'fhàg iad an làrach falamh san Iuchar.

Thuirt neach-labhairt Bakkafrost gur e as motha a bu choireach fionnagan a fhuair iad bho chompanaidh eile "aig an robh trioblaidean slàinte le an giùrain."

Thuirt iad gur e slàinte an èisg "am prìomhachas as motha" aca.

Ge-tà, rinn WildFish, buidheann le dragh mu bhuaidh àrach èisg air na tha de dh'iasg fhiadhaich an uisgeachan Bhreatainn, càineadh air "an ìre-bhàis uabhasach" aig an tuathanas.

Tha an Stiùiriche Albannach aca, Nick Underdown, ag ràdh gur e fianais a th' ann "nach eil smachd fhathast aig a' ghnìomhachas air an obair aca".

Thuirt e: "Tha riaghailtean agus riaghladh nach eil math gu leòr a' ciallachadh gun tèid aig an tuathanas seo air cumail a' dol a dh'aindeoin agus gun do bhàsaich cha mhòr aon iasg a-mach às gach dhà."

Tha WildFish ag iarraidh gun tèid casg air tuathanasan ùra far a bheil bradan gan àrach ann an cèidsichean neo lìontan sa mhuir.

Chan e seo poileasaidh Riaghaltas na h-Alba a tha ag ràdh gu bheil "riaghailtean smachdachaidh air leth teann aig an roinn a thaobh dealbhachaidh, na h-àireannachd agus slàinte an èisg".

Thuirt neach-labhairt Bakkafrost gun robh iad a' feuchainn ri dèiligeadh ris an trioblaid le bhith a' cleachdadh fhionnagan nas motha is nas làidire agus gun tàinig "àrdachadh mòr" air na bha iad fhèin air àrach dhiubh seach a bhith a' crochadh air companaidh eile.

A rèir Riaghaltas na h-Alba, feumar aithris a chur gu Buidheann-sgrùdaidh Slàinte an Èisg mu chall aig làraichean a tha nas àirde na ìre-bhàis stèidhichte feuch am bu chòir dhaibh ceumannan riaghlaidh a bharrachd a ghabhail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo