Ath-thagradh an dèidh diùltadh tuathanais-èisg ann an Leòdhas

- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh bhradan, Bakkafrost Alba, ag ràdh gur e "briseadh-duil" a bh' ann dhaibh nuair a cho-dhùin Comhairle nan Eilean Siar gun cead a thoirt do thuathanas-èisg a tha iad airson a thogail far chosta sear Leòdhais.
Tha iad ag ràdh gu bheil dùil aca ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh co-dhùnadh a' Bhùird Dealbhachaidh nach do chuir taic ris a' phlana airson Tuathanas-èisg Ghrabhair a Tuath.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad pròiseil às an "eachdraidh fhada" aca sna h-Eileanan an Iar agus gum biodh an leasachadh seo "air taic a chumail ri seasmhachd na h-obrach aca san sgìre".
Dhiùlt Bakkafrost gabhail ri plana 'son call cosnaidh an Leòdhas a sheachnadh
- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2024
CnES a' sireadh soillearachaidh bho Bakkafrost
- Air fhoillseachadh12 An t-Iuchar 2024
Ge-tà, chuala Bòrd Dealbhachaidh Comhairle nan Eilean Siar toiseach na mìos draghan bho iasgairean ionadail gun adhbharaicheadh an leasachadh "an call a bu mhotha a-riamh de ghrunndan-iasgaich coimeirsealta" an Alba.
Bha Bakkafrost ag argamaid gum biodh còig dreuchdan làn-thìde an cois an tuathanais-èisg, gun cuireadh e £606k sa bhliadhna ris an eaconomaidh ionadail agus còrr is £1m sa bhliadhna ri eaconomaidh na h-Alba gu lèir.
Ged a bha oifigich a' moladh cead a thoirt don phlana aig Bakkafrost cha tug comhairlichean taic seachad agus beachd aca nach do dhearbh a' chompanaidh "nach biodh casg ris nach gabhar air iasgach choimeirsealta ann an grunndan iasgaich traidiseanta agus luachmhor".