Dùil ri call cosnaidh aig Bakkafrost an Leòdhas

- Air fhoillseachadh
Tha dùil gum falbh timcheall air 80 cosnadh ann an Leòdhas is a' chompanaidh Bakkafrost air dearbhadh gu bheil iad a' beachdachadh air an ionad ghiollachd èisg aca ann am Marybank air iomall Steòrnabhaigh a dhùnadh.
Bhiodh an làrach aca ann an Àranais cuideachd a' dùnadh mar phàirt de na planaichean.
Ann am brath Diardaoin, thuirt neach-labhairt bhon chompanaidh: "'S urrainn dhomh dearbhadh gu bheil sinn a' beachdachadh air na goireasan againn ann am Marybank is Àranais a dhùnadh gu sealadach, ach airson ùine, le buaidh air mu 80 cosnadh.
"Tha an gnothachas air a' mhòr-chuid den obair buain againn a dhèanamh sa chiad phàirt den bhliadhna, agus cha bhi ach glè bheag a' dol thairis air na h-18 mìosan a tha romhainn sa cheann a tuath. Tha seo ri linn an ama a chuireas sinn stoc an sàs agus nan làraichean againn.
"Thàinig air a' bhòrd coimhead ri roghainnean glè dhoirbh gus dìon a chur air a' ghnothachas agus luchd-obrach eile ann an Alba, agus am measg nan roghainnean sin tha na goireasan ann am Marybank is Àranais a dhùnadh 'son ùine.
"Tha sinn an dùil co-chomhairle a thòiseachadh le feadhainn air an toireadh seo buaidh is tha sinn an dòchas seo a chrìochnachadh anns na seachdainean ri thighinn".
Ged a thuirt Bakkafrost gun rachadh na goireasan a dhùnadh 'son ùine, dh'innis BP ùr nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, gu bheil e air coinneachadh ris a' chompanaidh an t-seachdain seo is nach eil coltas ann gum fosgail iad a-rithist.
"Buille mhòr"
Thuirt Mgr Crichton gur e "buille mhòr" a th' ann dhan luchd-obrach is feadhainn aca air a bhith ag obair ann bho chionn fhada, agus dha eaconamaidh nan Eilean.
Dh'innis e gu bheil Bakkafrost air gealltainn gun tèid timchall air 80 cosnadh eile aig tuathanasan èisg anns na h-Eileanan an Iar a ghlèidheadh, is dh'iarr e air HIE, Riaghaltas na h-Alba is Comhairle nan Eilean Siar a dhol an sàs gus obraichean ùra a lorg dhan luchd-obrach agus an gnìomhachas anns na h-eileanan a chuideachadh.
Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gun d' fhuair esan gealladh cuideachd bho Bhakkafrost nach falbh obraichean aig na tuathansan-èisg, ach gur e "fìor bhuille" a th' ann a thaobh Marybank.
"Seo fear den luchd-fastaidh as motha san eilean is tha dragh orm gum bi buaidh air companaidhean nas lugha eile gu h-ionadail. Tha dragh orm cuideachd mun bhuaidh air an eaconamaidh is coimhearsnachd san fharsaingeachd is sin an teachdaireachd a bh' agam nuair a choinnich mi ris a' chompanaidh Diardaoin," thuirt e.
Dh'innis Mgr Allan gu bheil e a' sgrìobhadh chun an Leas-Phrìomh Mhinistear agus HIE a thaobh taic do Bhakkafrost a thaobh ghnothaichean ath-thòiseachadh aig Àranais anns na bliadhnaichean ri teachd.
Thuirt e gu bheil e cuideachd an dùil coinneachadh ri riochdairean an luchd-obrach cho luath 's a ghabhas gus faicinn dè an taic a th' ann dhaibh is an cuid teaghlaichean.