Nighean, 9, air bàsachadh an tubaist air Ghàidhealtachd

Seacaid phoilis
  • Air fhoillseachadh

Tha nighean aois 9 bliadhna air bàsachadh ann an tubaist eadar dà charbad air Ghàidhealtachd.

Bha an nighean na suidhe an cùl càir VW Polo a bhuail ann am Ford Ranger mu 5:30f Diciadain air an A831 eadar Druim na Drochaid agus Canaich.

Thuirt na poilis gun deach a gairm marbh aig an làraich, agus gun tugadh neach a bha a' siubhal ann an suidheachan aghaidh a' Pholo, agus dràibhear a' Pholo dhan ospadal airson cùraim.

Bha an rathad dùinte seachd uairean de thìde fhad 's a rinn na poilis rannsachadh.

Chaidh na seirbheisean èiginneach, ambaileans adhair nam measg, a chur chun na làraich.

Thuirt an Sgr Kate Finlayson: "Tha ar smuaintean le teaghlach agus caraidean na h-ìghne a bhàsaich, agus tha rannsachadh a' leantainn feuch dè dìreach a thachair.

"Dh'iarrainn air duine sam bith a chunnaic an tubaist no na carbadan mus do thachair e fios a chur oirnn.

"Dh'iarrainn cuideachd air duine sam bith a bha san sgìre 's aig a bheil dealbhan dashcam a dh'fhaodadh ar cuideachadh thighinn a bhruidhinn rinn."